Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

21 Am Faoilleach 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Siria

Tha aithisg ùr bho thriùir a bha a' rannsachadh eucoir cogaidh ag ràdh gu bheil dearbhadh ann gun do rinn an riaghaltas ann an Siria brùidealachd agus murt air 11,000 duine ann an aon sgìre bho thòisich an ar-a-mach bho chionn faisg air trì bliadhna. Rinn iad sgrùdadh air na mìltean de dhealbhan a thàinig a-mach à Siria de phrìosanaich mharbh. Tha riaghaltas Shiria a' dol às àicheadh gun do bhris iad còirichean daonna bhon thòisich an cogadh sìobhalta.

Rennard

Tha connspaid sa Phàrtaidh Lib-Deamach mun dòigh san deach casg air a' Mhorair Rennard, a tha a' diùltadh a ràdh gu bheil e duilich agus a tha a' dol às àicheadh gun do rinn e tàire dhrabasta air boireannaich. Tha am Morair Rennard ag ràdh gum faodadh esan a dhol gu lagh an aghaidh na Pàrtaidh, agus tha tè de na boireannach ag ràdh gum faodadh ise fhathast cùis-lagh a thogail an aghaidh a' Mhorair.

Cumhachd

Thèid na companaidhean cumhachd a cheasnachadh ann an Taigh nan Cumantan an-diugh mun dòigh anns an deach mòran mhìltean fhàgail gun dealain leis an droch shìde aig deireadh na bliadhna an-uiridh. Tha Comataidh Thaghte a' Chumhachd airson faighinn a-mach mun dòigh anns an robh na companaidhean a' cumail fiosrachaidh ri daoine a dh'fhuilling, agus mun airgead dìolaidh a tha iad am beachd a thoirt dhaibh.

Network Rail

Thuirt Network Rail gu bheil iad, mar a bha iad ag amas, air 10% de chroisean-còmhnard a dhùnadh air loidhnichean rèile Bhreatainn. Thuirt Network Rail gun tèid 500 crois-chòmhnard eile a dhùnadh thairis air an ath chòig bliadhna, a' ciallachadh nach bidh uimhir de thubaistean agus bàs ann.

Guga

Chuir còrr is 70,000 duine an ainm a-nis ris an athchuinge a tha a' gearain mu fharpais ithe a' ghuga a bh' aig Club Shòisealta Nis ann an Leòdhas bho chionn ghoirid. Tha a' bhuidheann chòirichean bheathaichean, Care2, ag ràdh nach bu chòir farpais de leithid a bhith ann tuilleadh. Thuirt fear-labhairt bhon Chlub Shòisealta, anns an robh an fharpais, nach biodh an fharpais mì-laghail an àite sam bith eile, mar a bhathas a' cumail a-mach, agus nach robh cead sònraichte sam bith a dhìth airson na farpais. Thuirt e, ged a tha an athchuinge ag amas air Comhairle nan Eilean Siar, nach eil gnothach acasan ris a' chùis.

Inbhir Nis

Tha comhairlichean Gàidhealach a' beachdachadh an-diugh air leasachadh ann am meadhan a' bhaile. Chaidh moladh dhaibh cead a thoirt do phlana airson flataichean a thogail an àite sreath thaighean air Sràid Acadamaidh.