Sùil air: Ailig Salmond
- Published
Ainm: Ailig Salmond BPA
Dreuchd: Prìomh Mhinistear na h-Alba
Iomairt san referendum: Bu chòir Alba (YES Alba)
Pàrtaidh poilitigeach: Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (SNP)
Seasamh air neo-eisimileachd: Airson gum bi Alba neo-eisimileach
Eachdraidh poilitigeach
Tha Ailig Salmond air a bhith an sàs sa phàrtaidh nàiseanta bho bha e aig Oilthigh Chill Rimhinn sna 1970an.
Às dèidh dha a bhith ag obair mar eòlaiche eaconamach, fhuair e a' chiad seat aige ann am Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte ann an 1987, a' riochdachadh Banff agus Buchan.
Bha e ann an dreuchd ceannard nan dùbhlannach aig Holyrood às dèidh dha a bhith air a thaghadh mar bhall-pàrlamaid Albannach sgìre Ghòrdain ann an 1999.
Dh'fhàg e Pàrlamaid na h-Alba ann an 2000 agus thill e gu Westminster.
Ann an 2004 chaidh a thaghadh às ùr 'son ceannas an SNP.
Sna taghaidhean Albannach ann an 2007, chaidh Mgr Salmond a thaghadh mar BPA son Obar Dheathain an Ear agus thill e gu Holyrood.
Ghlèidh na Nàiseantaich an taghadh sin, le beag-chuid de sheataichean. Chuir am pàrtaidh romhpa Riaghaltas beag-chuid a stèidheachadh le taic bho na h-Uainich air cuid de chuspairean.
Tha Mgr Salmond air a bhith na phrìomh mhinistear bhon uair sin.
Ann an 2011, ghlèidh am pàrtaidh am mòr-chuid a bha dhìth orra Riaghaltas eile a stèidheachadh agus cha robh e fada mus ro referendum air neo-eisimileachd do dh'Alba air a' chlàr-gnothaich.
Beachdan air an referendum
Tha Mgr Salmond gu mòr a' cur taic ri neo-eisimileachd.
Seo cuid de na tha e air a ràdh mun chuspair:
"Seo an roghainn as motha a nì muinntir na h-Alba ann an 300 bliadhna." (Faoilleach 2012)
"Tha na tha an dàn do dh'Alba, ann an làmhan na h-Alba." (Samhain 2013, a' bruidhinn mun phàipear geal)
"Chan eil sinn a' sireadh neo-eisimileachd mar cheann-uidhe ann fhèin, ach mar dhòigh gus Alba atharrachadh gum bi e nas fheàrr." (Damhair 2013)