Cead ga thoirt airson flataichean ùra

Sràid na h-Acadamaidh Image copyright Richard Webb/Geograph
Image caption Bha aig comhairlichean na Gàidhealtachd Dimàirt ri beachdachadh air dà iarrtas planaidh a bha airson leasachadh a thoirt air meadhan a' bhaile.

Chaidh cead-dealbhachaidh a thoirt seachad airson flataichean ùra a thogail air Sràid na h-Acadamaidh ann an Inbhir Nis.

Bidh dà bhùth an cois an leasachaidh, agus bidh co-dhiù an dara leth de na h-àiteachan fuirich ri fhaighinn air prìs ìosal.

Tha a' chompanaidh leasachaidh, Ark Estates, a' dol a leagail seann thogalaichean, a bha clàraichte mar thoglaichean eachdraidheil, air Sràid na h-Acadamaidh.

Iarrtasan

Bha dùil gum biodh comhairlichean na Gàidhealtachd Dimàirt a' beachdachadh air dà iarrtas planaidh a bha airson leasachadh a thoirt air meadhan a' bhaile.

Bha a' chiad iarrtas airson 31 flat a thogail air Sràid na h-Acadamaidh, le dà ionad coimearsalta nan cois, agus an dara iarrtas airson taigh-òsta a thogail air seann làrach amar-snàimh ri taobh Drochaid nam Manach, làrach a tha air a bhith bàn fad bhliadhnaichean.

Dh'aontaich comataidh dealbhachaidh na Comhairle cead a thoirt seachad airson nam flataichean, agus chan eil fios aig an ìre seo cuin a thèid tòiseachadh air an obair-togail.

Taigh-òsta

B' e planaichean mòra a bh' aig a' chompanaidh, Carlton Rock, le iarrtas dealbhachaidh airson taigh-òsta ùr, seachd làir de dh'àirde a thogail.

Ged a bha oifigearan na Comhairle an dùil taic a chur ris, airson adhbharan nach eil soilleir, tharraing a' chompanaidh a-mach aig a' mhionaid mu dheireadh.

Thuirt Donaidh Mac Ille Chiar, Comhairliche Meadhan Inbhir Nis, nach robh e cinnteach an robh seo a' ciallachadh nach tigeadh iarrtas eile bhuapa, no an e dìreach dàil a bhiodh ann.

Tha an suidheachadh a' fàgail cheistean aig gu leòr dhaoine san sgìre, agus air Comhairle na Gàidhealtachd.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile