Buaireadh mu ainm taigh-tasgaidh
- Air fhoillseachadh

Tha còrr is mìle duine air an ainmean a chur ri athchuinge a' cur an aghaidh mar a chaidh ainm taigh-tasgaidh an airm aig Gearasdan Sheòrais atharrachadh.
Tha seann shaighdearan bho Rèiseamaid Ghàidheal na Bàn-righinn ag ràdh gu bheil cunnart ann gun tèid an rèiseamaid aca à cuimhne, agus an t-ionad a-nis fon ainm "Highlanders Museum."
'S e "Queen's Own Highlanders Regimental Museum" a b' àbhaist a bhith air an ionad, mus deach a leasachadh gu mòr.
Tha iad cuideachd feargach gun deach stuth eachdraidheil a bhuinneadh dhan rèiseamaid aca a reic airson airgead a thogail mu choinneimh na h-obrach-leasachaidh.
Tha ceannardan an taigh-tasgaidh ag ràdh gun deach an t-ainm ùr a thaghadh gus eachdraidh nan rèiseamaidean Gàidhealach uile a riochdachadh.
Tha iad cuideachd ag ràdh gun robh e deatamach gun deigheadh cuid den stuth eachdraidheil a reic airson airgead a chur ris an obair-leasachaidh - a chaidh a chuideachadh cuideachd leis a' chleasaiche ainmeil Hugh Grant.
Mar phàirt den iomairt bidh na seann shaighdearan a' caismeachd gu Gearasdan Sheòrais air an ath-mhìos.