Mì-thoileachas mu sheirbheis bann-leathainn

Càball
Image caption Tha an obair airson Uibhist a cheangal ris a' bhann-leathann fìor luath fibre-optic air tòiseachadh, ach cha bhi sin ri fhaighinn gus a' bhliadhna 2016.

Tha cuid de mhuinntir Uibhist cho mì-thoilichte le seirbheis a' bhann-leathainn aig Connected Communities 's gu bheil iad a' gluasad gu seirbheis air saideal.

Chan e a-mhàin cho slaodach 's a tha am bann-leathann àbhaisteach, tha dragh ann cuideachd mun ùine a tha a' chompanaidh a' toirt ga chur a-steach.

Tha obair air tòiseachadh gus bann-leathann nas luaithe a thoirt do sgìrean iomallach na h-Alba tro chàbaill fibre-optic, ach bidh dà bhliadhna ann mus tig sin a dh'Uibhist.

Far nach eil bann-leathann ri fhaighinn tro loidhne-fòn ann an Uibhist, 's e an t-seirbheis bhann-leathainn wireless aig Connected Communites a tha ri fhaighinn.

Dàil

Ach, tha muinntir an eilein a-nis air tòiseachadh a' fàs mì-fhoighidneach mun dàil a th' ann fhaighinn a-staigh.

Thuirt an Comh. Uisdean Robasdan, 's e a' gluasad o aon taigh gu taigh eile: "Bha mi airson bann-leathann fhaighinn a-staigh caran sgiobalta agus, an duilgheadas a bh' agam, 's e nach robh uidheamachd aig Connected Communites.

"Tha mi air cluinntinn gu bheil feadhainn a' feitheamh suas ri dà mhìos mus fhaigh iad e," thuirt Mgr Robasdan.

Tha teicneòlas air gluasad air adhart gu mòr bhon chaidh an t-seirbheis a stèidheachadh agus thuirt Aonghas Doyle, aig a bheil companaidh teicneòlais ann am Beinn nam Fadhla, gu bheil luchd-cleachdaidh san là an-diugh a' coimhead airson astar eadar-lìn gu math nas luaithe.

Thuirt Scotnet gu bheil dàil air seirbheisean ùra an-dràsta fhad 's a thathar a' feitheamh air leasachadh mòr air an lìonra.

Saideal

A-nis ann an Uibhist tha barrachd dhaoine, Mgr Robasdan nam measg, a' coimhead ri seirbheis bhann-leathann saideal.

"Tha sinn air deasbad gu leòr a chluinntinn sa choimhearsnachd mu dheidhinn an dà rud; gu bheil an dara rud nas fheàrr na an rud eile.

"Ach, gus am feuch mi a-mach e, chan urrainn dhomh mòran a ràdh mu dheidhinn sin," thuirt Mgr Robasdan.

Tha an obair airson Uibhist a cheangal ris a' bhann-leathann fìor luath fibre-optic air tòiseachadh, ach cha bhi sin ri fhaighinn gus a' bhliadhna 2016.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile