Cladh Ghleann Dail
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Cladh Ghleann Dail

23 Am Faoilleach 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha beul-aithris ag innse gur e prionnsa Lochlannach a' chiad duine a chaidh a thiodhlaigeadh ann an cladh Ghleann Dail 'san Eilean Sgitheanach - agus tha muinntir na sgìre fhathast ga chleachdadh mar àite tiodhlaigaidh.

Tòisichidh pròiseict a dh' aithghearr a nì barrachd rannsachaidh air eachdraidh na làraich agus a bheir cothrom ceàrd traidiseanta ionnsachadh.