Lomas airson oighreachd eile a cheannach
- Air fhoillseachadh

Tha uachdaran Oighreachd na Pàirce ann an Leodhas, a chuir an aghaidh oidhirp coimhearsnachd air an oighreachd a cheannach fad còrr is deich bliadhna, a-nis am beachd oighreachd eileanach eile a cheannach.
Thàinig Barry Lomas gu aonta o chionn ghoirid, fo an ceannaich coimhearsnachd na Pàirce an oighreachd.
Tha am BBC a' tuigsinn gu bheil e a-nis air tagradh a chur a-steach airson oighreachd Chala an t-Òib, ann an ceann-a-deas na Hearadh a cheannach.
Tha an oighreachd sin, anns a bheil dìreach 131 àcair, air a bhith air a' mhargaidh fad mhìosan.
Chan eil an oighreachd idir air a comharrachadh mar fhearann croitearachd, 's tha i air a roinn ann an seachd diofar phìosan timcheall baile an t-Òib.
Tha taigh aig Mgr Lomas anns an t-Òb, a bha le a phàrantan, agus bidh e a' fuireach ann gu tric.