Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

23 Am Faoilleach 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Siria

Tha eadar-mheadhanair an UN, Lakhdar Brahimi, a' cumail chòmhraidhean air leth bho chèile an-diugh leis an dà thaobh ann an Siria a th' aig còmhraidhean sìthe san Eilbheis. Thàinig na sgarraidhean mòra a tha eadar Riaghaltas a' Chinn-suidhe Assad agus na Reubaltaich am follais air a' chiad là de na còmhraidhean an-dè.

'S thuirt Sràid Downing an-diugh gu bheil inntinn fhosgailte aig a' Phrìomhaire mu bhith a' gabhail fògarrach à Siria ann am Breatainn. Thuirt fear-labhairt gu bheil Dàibhidh Camshron den bheachd gur e taic a chur gu ruige fògarraich Shiria an dòigh as fheàrr air dèiligeadh ris an t-suidheachadh, ach gu bheil e deònach beachdachadh a-rithist air sin.

Gearraidhean an Airm

Tha dùil gun caill mu 1,400 saighdear an dreuchd, agus Ministreachd an Dìon ag ainmeachadh cuairt eile de ghearraidhean an-diugh. Tha seo an dèidh 5,000 dreuchd a ghearradh an-uiridh. Cha toir seo buaidh air saighdearan a th' ann an Afganastan no ag ullachadh airson a dhol ann. Thèid meudachad an Airm àbhaistich a ghearradh bho 100,000 saighdear, gu beagan a bharrachd air 80,000.

Neo-eisimeileachd

Bidh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' foillseachadh pàipeir an-diugh sa bheil ceistean mu na bhiodh neo-eisimeileachd a' ciallachadh do shaoranachd mhuinntir na h-Alba. Bidh am pàipear, bho Rùnaire na h-Alba, Alasdair MacIlleMhìcheil, ag ràdh cuideachd gu bheil buannachdan ann do dhaoine cead-siubhail Breatannach a bhith aca, agus dìon taobh a-staigh chrìochan na Rìoghachd Aonaichte. Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh nach gabh earbsa cur anns a' phàipear seo, agus tha iad air sgrìobhadh gu Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte le sreath cheistean mu dheidhinn.

Uibhist

Thèid Ministreachd an Dìon gu Cùirt an t-Seisein airson feuchainn ri stad a chur air plana airson dà chrann-gaoithe ann an Uibhist a Deas. Tha an MOD ag ràdh gum milleadh na crainn, ann am Bòrnais, an rèidar aca à Cleitreabhal. Thuirt fear de chomhairlichean Uibhist, Raghnall MacFhionnghuin, gu bheil Ministrreachd an Dìon "mì-reusanta" san dòigh sa bheil iad a' dèiligeadh ris a' chùis.

Barry Lomas

Tha fear a bha a' strì ris a' choimhearsnachd sa Phàirc ann an Leòdhas mu uachdaranas an fhearainn am beachd oighrerachd eile a cheannach. Rinn Barry Lomas tairgse airson Oighreachd Chala an t-Òib, ann an ceann a deas na Hearadh, a th' air a bhith air a' mhargaidh fad mhìosan.

Biomass

Chaidh teagamh a chur anns an t-siostam teasachaidh Biomass a tha ga chur ann an sgoiltean na Gàidhealtachd. Tha an siostam air briseadh gu tric ann an sgoiltean ann am Bàideanach is Srath Spè, agus air Taobh Sear Rois. Tha a' Chomhairle am beachd a chur ann an tuilleadh sgoiltean, ach tha buill Chomhairle ag ràdh a-niste gu bheil ceistean rim freagairt mus tachair sin.