Aonta ga ruighinn mu raon-goilf Thòrr Bheathain
- Published
Chaidh aonta a ruighinn ann am prionnsabal airson talamh a cheannach gus raon-goilf Thòrr Bheathain ann an Inbhir Nis a ghluasad.
Tha Comhairle na Gàidhealtachd airson earrann den talamh air a bheil an raon-goilf an-dràsta a chleachdadh airson Ceangal-rathad an Iar a' bhaile a thogail
An-dràsta, tha agad ri dhol tarsainn air dà rathad airson cuairt de raon-goilf Thòrr Bheathain a chrìochnachadh.
Cuideachd, tha planaichean an rathaid ga chur tro chuid eile den chùrsa.
Dealbhachadh
Mar sin, tha Comhairle na Gàidhealtachd airson talamh a cheannach airson raon-goilf ùr a chruthachadh ann an Tòrr Bheathain agus tha iad air aonta a ruighinn an am prionnsabal airson sin a dhèanamh.
Thèid a' Chomhairle a-nis air adhart le bhith a' dealbhachadh a' chùrsa ùir còmhla ri Stuart Rennie bho Rennie Design Golf Course and Landscape Architects.
Bheir an talamh ùr cuideachd cothrom 160 dachaigh a thogail agus an cladh an Cille Bheathain a leudachadh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Published
- 15 Am Faoilleach 2014
- Published
- 4 An t-Sultain 2013