Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

24 Am Faoilleach 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cùl Dùn Beithe

Thuirt ball ùr Làbarach Cùl Dùn Beithe ann am Pàrlamaid na h-Alba, Alex Rowley, gu bheil fo-thaghadh na sgìre sin a' dearbhadh nach e neo-eisimeileachd an rud as motha a th' air aire luchd-bhòtaidh. Chùm na Làbaraich grèim air an sgìre, agus iad a' cur ris a' mhòr-chuid a bha aca air an SNP. Thuirt an SNP gu bheil mòran a bhòt dha na Làbaraich an turas seo, ag ràdh gum bhòt iad airson neo-eisimeileachd nuair a thig an referendum.

Tuarastail

Tha na Làbaraich a' cur teagamh ann am figearan a dh'fhoillsich Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a tha ag ràdh gun tàinig àrdachadh air an tuarastal a tha a' mhòr-chuid a' toirt dhachaigh leotha air a' bhliadhna-ionmhais mu dheireadh. Tha an Riaghaltas ag ràdh, le gearradh chìsean, gu bheil a' mhòr-chuid - ach an 10% as beartaiche den t-sluagh - nas fheàrr dheth. Tha na Làbaraich ag ràdh gu bheil na figearan sin meallta.

Cairo

Chaidh ceathrar a mharbhadh agus còrr is 70 a leòn nuair a spreadh bom ann an càr aig prìomh thogalach nam poileas ann an Cairo anns an Èipheit. Bha dà spreadh nas lugha ann goirid an dèidh sin a bha ag amas a-rithist air na Poilis. Bidh trì bliadhna ann a-màireach bhon àr-a-mach a chuir às do riaghaltas seann cheannaird na dùthcha, Hosni Mubarak.

Cìs a' Chonnaidh

Dh'ainmich Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte seachd sgìrean eile air Mòr-Thìr Bhreatainn far an toireadh iad 5sg gach liotair far cìs a' chonnaidh. Tha an sgeama stèidhichte mar thà anns na h-Eileanan, agus chaidh cead a' Choimisein Eòrpaich iarraidh airson a leudachadh gu deich sgìrean eile. Chaidh aon àite ann an Sasainn, agus sia sgìrean Albannach a chur ris an liosta a tha sin: an t-Òban, Malaig, Srath Charrann, Ulapul, an Luirg, agus Hàcraig.

Cosgaisean Laghail

Thàinig Riaghaltas na h-Alba 's Comhairle nan Eilean Siar gu aonta mu chosgaisean laghail co-cheangailte ris an eas-aonta a bh' ann mu dhùnadh sgoiltean. Dh'fheuch an Riaghaltas ri stad a chur air a' Chomhairle bho a bhith a' dùnadh sgoiltean ann an Siabost, Càrlabhagh agus Seileabost. Gheibh a' Chomhairle £72,000.

Comhairle na Gàidhealtachd

Dh'iarr ceannardan Comhairle na Gàidhealtachd air ceannard bhuidheann nan dùbhlanach, Caroline Wilson, a leisgeul a thabhann air oifigeach. Chuir ise às leth àrd-oifigeir air a' Chomhairle, Michelle Morris, gun robh i a' cur bacadh air deamocrasaidh. Tha ceannardan na Comhairle ag ràdh, mur an iarr Caroline Wilson a leisgeul a ghabhail, gum faodadh iad a toirt gu aire Choimisein na h-Inbhe.