Deasbad eile na neo-eisimeileachd

Ged is iad an SNP as motha a tha a' cur air adhart argamaid na neo-eisimeileachd, chan eil am pàrtaidh nan aonar.

'S iomadh buidheann eile a tha airson 's gum bi Alba na stàit neo-eisimeileach.

Seo na tha iad a' cur air adhart.

1. Am Pàrtaidh Uaine

Image copyright PA

'S iad Pàrtaidh Uaine na h-Alba an aon phàrtaidh a th' airson neo-eisimeileachd a thuilleadh air an SNP, le seataichean Pàrlamaid (tha dithis bhall aca aig Holyrood) - agus cha ghabh iad Nàiseanaich orra fhèin.

Tha am Pàrtaidh ag ràdh gu bheil glè bheag de ghnothach aig an deasbad seo ri gràdh dùthcha, agus gnothach mòr ri bhith a' faighinn cuidhteas Pàrlamaid Westminster a tha "an eisimeil ghnothachais mhòir."

Ao-coltach ri Riaghaltas na h-Alba, tha na h-Uainich den bheachd nach bu chòir Alba an Not a chleachdadh san ùine fhada, ag ràdh nach bi Alba na h-eaconamaidh neo-eisimeilich gu h-iomlan mur a bi a cuid airgid fhèin aice.

Tha am pàrtaidh cuideachd airson 's nach bi Alba air a beò-ghlacadh le ola a' Chuain a Tuath, 's iad airson 's nach bi an dùthaich an eisimeil air cumhachd neo-sheasmhach, ach a' brosnachadh diofar dhòighean air dealan a chruthachadh.

Tha am pàrtaidh - a tha ag ràdh gu bheil barrachd dragh air gnothachasan mu luchd-obrach foghlaimte a bhith aca na gearraidhean cìse - a' sùileachadh dùthcha le siostam de shochairean sòisealta, 's a leigeas le daoine an cuid cho-dhùnaidhean fhèin a dhèanamh, agus le gnothachasan beaga soirbheachadh.

Agus a dh'aindeoin mar a dh'atharraich an SNP an seasamh air Nato, tha na h-Uainich ag ràdh gur ionnan sin agus "a bhith ag iarraidh air dùthchannan eile an armachd fhuathach seo an sàs às ar leth."

Image copyright PA

2. Nàisean Beartach

"Chan ionnan Tòraidheach agus Aonaidheach", a rèir na buidhne seo, a tha beagan deas air a' mheadhan, 's a tha taiceil do neo-eisimeileachd.

Fhad 's a chuireadh e iongnadh air cuid gun robh buidheann de Thòraidhean ann a bha taiceil do neo-eisimeileachd, tha a' bhuidheann Nàisean Beartach - le ùghdar agus fear-eachdraidh Mìcheal Fry os an cionn - ag ràdh gur e an cunnart mòr a th' ann do dh'Alba neo-eisimeileach "cuideam marbh an t-sòisealais mhanaidsearail."

'S e buidheann a th' ann de luchd-gnothachais, acadaimigich agus eile, a tha a' cumail a-mach gu bheil Breatainn, mar stàit, air faileachadh.

Tha iad ag ràdh gum bu chòir do dh'Alba gabhail ri margaidh shaor, leithid na bha Margaret Thatcher a' brosnachadh, le nas lugha de ghnothach aig an stàit ris, nas lugha de chìsean, agus barrachd roghainnean a thaobh slàinte agus foghlaim.

Tha a' bhuidheann a' cur air adhart gum bu chòir - seach a bhith air a cumail air ais le seòrsa de shòisealas a tha cuid a' tabhainn - do dh'Alba a bhith a' coimhead ris na thachair ann an cuid de dhùthchannan a b'àbhaist a bhith fo riaghaltasan Comannach leithid Slobhàigia agus Sloibhèinia, a th' air an cùl a chur ri cuid de thaobhan de shòisealas ann an dòigh a th' air leantainn gu fàs eaconamach nach fhacas ann an Alba o chionn 100 bliadhna.

Mar a tha Mìcheal Fry fhèin ga chur: "Chan e ath-sgaoileadh a' bheartais a nì sonas - 's e a bhith a' cruthachadh beartais."

3. Am Pàrtaidh Sòisealach

Image copyright Reuters

Ao-coltach ri Nàisean Beartach, tha an SSP air a bhith a' gairm airson Poblachd Shòisealach gun mhonarcachd, ged nach eil faisg air an aon cuideam aig a' phàrtaidh 's a bha uair ann am poileataigs na h-Alba.

Tha na Sòisealaich airson an cleachdadh "tàmailteach" de Bhuill na Pàrlamaid Albannaich a bhith a' mionnachdainn dìlseachd don Bhàn-righ, 's iad ag iarraidh gum bris Alba air falbh bho "thachdadh Stàit Bhreatainn" le bhith a' cruthachadh dùthcha a tha a' seasamh chòirichean an duine àbhaistich.

A thuilleadh air a bhith a' faighinn cuidhteas an teaghlaich rìoghail, tha an SSP ag iarraidh gum bi Alba saor de niuclasachd - taobh a-muigh Nato - agus nach tèid a chosg air gnothaichean dìon ach na chosgas Poblachd na h-Èireann.

Tha iad cuideachd airson 's gun tèid bun-reachd na h-Alba a sgrìobhadh le buidhinn a th' air a taghadh, a thuilleadh air càirdeas ùr a chruthachadh leis an Aonadh Eòrpach, gus "neo-eisimeileachd na h-Alba a dhìon."

Tha iad cuideachd ag iarraidh atharrachaidhean ann an siostam taghaidh na dùthcha, le bhith a' cur siostam PR an àite an t-siostam First Past the Post, a bhith a' toirt chòirichean bhòtaidh do dhaoine gun dachaigh, agus referenda a chleachdadh barrachd gus leigeil leis an t-sluagh co-dhùnaidhean connspaideach a dhèanamh.

Tha poileasaidhean a' phàrtaidh gu math coltach ris na tha Solidarity - pàrtaidh Thommy Sheridan - a' cur air adhart.

4. "Dithis na Gàidhealtachd"

Image copyright PA

Dh'adhbharaich co-dhùnadh an SNP ann an 2012 a sheasamh traidiseanta an aghaidh ballrachd do dh'Alba ann an Nato atharrachadh, còmhstri mhòr am broinn a' phàrtaidh.

Thuirt ceannard a' phàrtaidh ann an Westminster, Aonghas Robasdan, gun robh sealladh ùr a dhìth air thoiseach air an referendum - ged a bha pàirt den argamaid airson Nato am broinn an SNP a' crochadh air tomhas gun robh mòr-chuid den luchd-bhòtaidh airson ballrachd.

Chaidh gabhail ris an atharrachadh, ach cha do ghabh a h-uile duine ris, agus cho-dhùin Sìne Urchardain agus Iain Finnie, an dithis aca nam BPA airson na Gàidhealtachd 's nan Eilean, an cùl a chur ris a' phàrtaidh air a shon.

Thuirt an dithis nach b'urrainn dhaibh tuilleadh a bhith ann am pàrtaidh a dh'iarradh a bhith ceangailte ri "co-bhanntachd ciad ionnsaigh niuclasaich", agus chùm iad an seataichean sa Phàrlamaid, mar bhuill neo-eisimeileach.

A thuilleadh air cùis Nato ge-tà, tha a' Bh. Urchardain agus Mgr Finnie fhathast taiceil do neo-eisimeileachd.

5. Neo-eisimeileachd Radaigeach

Image copyright Getty Images

'S e nàdar de dh'iomairt, seach pàrtaidh poileataigeach, a th' ann an Neo-eisimeileachd Radaigeach, a th' air an cleasaiche David Hayman a chur os a cionn, agus iadsan cuideachd a' cur air adhart feallsanachd na làimhe clì airson Alba an ama ri teachd.

Mar cheum tòiseachaidh, tha iad a' cumail a-mach gu bheil, an dèidh 30 bliadhna, Breatainn air a bhith na briseadh-dùil, agus gu bheil i a-nis "air crith" leis an smuain gum faodadh neo-eisimeileachd tighinn do dh'Alba.

Tha a' bhuidheann ag iarraidh tuilleadh co-ionnanachd am measg shaoranach na dùthcha, leithid na tha ri fhaicinn ann an dùthchanan beaga neo-eisimeileach eile, fhad 's a chuireadh Alba cùl ri 30 bliadhna san deach "brath a ghabhail" air Alba airson beagan dhaoine a dhèanamh beartach.

Ann an rud ris an can iad fhèin "traidisean math Albannach", tha Neo-eisimeileachd Radaigeach ag ràdh: "Beireamaid dhuinn fhèin eaconamaidh a chruthaicheas sinn fhèin. Dèanadh ar cuid cruthachais beartas do luchd-obrach. Cumadh daoine beartach taic ri stàit shochairean. Cuireadh an stàit sin às don eagal a thig an cois neo-thèarainnteachd."

6. Dennis Canavan

Image copyright Reuters

Cha robh eagal riamh air Dennis Canavan a rathad fhèin a chur roimhe, 's e air a bhith ag iomairt airson neo-eisimeileachd an dèidh dha a bhith na Bhall-Pàrlamaid Làbarach, agus na BhPA neo-eisimeileach.

Tha e cuideachd airson 's gum bi a cuid airgid fhèin aig Alba an dèidh neo-eisimeileachd, ag ràdh gum fàgadh sin an dùthaich nas sùbailte agus nas saoire gu h-eaconamach.

Tha Mgr Canavan cuideachd airson referendum a bhith ann mu cò bu chòir a bhith nan ceannard stàite ann a Alba, seach a bhith a' gabhail ri monarcachd gun cheist - beachd a tha cuideachd ga chur air adhart le Ministear na Cloinne, Aileen Chaimbeul - agus Mgr Canavan ag ràdh gum bu mhath leis-san gum biodh cuideigin air an taghadh don dreuchd sin.

Tha beachdan Mhgr Canavan, a tha a' dol an aghaidh cuid de phoileasaidh an SNP, inntinneach, seach gur e cathraiche iomairt oifigeil na neo-eisimeileachd, Yes Scotland.

Tha e ga dhèanamh soilleir gur iad beachdan pearsanta a th' annta, agus ag ràdh gur e iomairt dheamocratach a th' ann an Yes Scotland, a tha a' toirt iomadh beachd fo a sgèith, fhad 's nach bi e "teann-smachdail."

7. Làbaraich airson Neo-eisimeileachd

Image copyright PA

Chaidh a' bhuidheann seo a chur air bhonn le Ailean Grogan, ball den Phàrtaidh Làbarach a bh' air a shàrachadh gun do ghabh am pàrtaidh seasamh a bha taiceil don Aonadh gun deasbad.

Tha Làbaraich airson Neo-eisimeileachd ag ràdh gu bheil iad airson poileasaidhean leithid a bhith a' cur às don bhun-thuarastal, agus a bhith a' cur "tuarastal beò-shlaint" na àite, a bheireadh a' chuid as motha de dhaoine a-mach à bochdainn, agus a shàbhaileadh airgead air creideasan cìse.

Tha a' bhuidheann cuideachd airson dreach nas simplidhe a chur air siostam nan sochairean, le bhith a' faighinn cuidhteas mheasaidhean stòrais airson shochairean ciorramachd.

Tha iad cuideachd a' moladh a bhith a' toirt gnothaichean còmhdhail, cumhachd agus cùram a-steach don roinn phoblaich, gus an gabhadh prothaidean a dhèanadh companaidhean prìobhaideach cur ris a' sporran phoblach a dh'ionnsaigh piseach a thoirt air seirbheisean.

Tha Làbaraich airson Neo-eisimeileachd ag ràdh gu bheil iad a' fàs am measg bhall den Phàrtaidh Làbarach. Tha Pàrtaidh Làbarach an h-Alba ge-tà, a tha gu daingeann air cùlaibh an Aonaidh, ag ràdh nach eil taic shusbainnteach aig a' bhuidhinn am measg an cuid bhall.