Luaidh ga dhèanamh air Iain Fearchar Rothach

  • Air fhoillseachadh
Iain Fearchar Rothach
Fo-thiotal an deilbh,
Bha e na chomhairliche air Ghàidhealtachd gus an deach e dhan Phàrlamaid ann an Dùn Èideann, nuair a dh'fhosgail i an toiseach.

Tha luaidh ga dhèanamh air an t-seann Bhall-Pàrlamaid Albannach, Iain Fearchar Rothach, a chaochail Là na Sàbaid, aig aois 79.

Choisinn e ainm dhà fhèin an toiseach mar chomhairliche, ach b' ann mar bhall Lib-Deamach ann am Pàrlamaid na h-Alba a thàinig e gu aire a' mhòr-shluaigh.

Bha spèis shònraichte dha mar dhuine anns a' Phàrlamaid - leis an deise chlò agus a phìob na bheul, deònach seanchas is càirdeas a thogail le daoine de dhreach poileataigeach sam bith.

Bha Ailig Greumach eòlach air anns na Libearalaich-Dheamocratach: "Duine sònraichte, duine coibhneil is duine laghach, agus cuideachd duine sònraichte tuigseach mu dheidhinn poilitigs. Bha e dèante airson a bhith na chomhairliche agus na bhall-pàrlamaid."

Fo-thiotal a’ bhidio,

Dòmhnall Moireasdan ag innse sgeulachd a bheatha

Cliù

Choisinn e cliù an sin mar fhear a sheasadh airson a bheachdan fhèin agus maith an t-sluaigh - a dh'aindeoin na chanadh pàrtaidh sam bith.

Rugadh Iain Fearchar Rothach ann an Gleann Seile, còig bliadhna mus do thòisich an Dàrna Cogadh.

Chaidh a thogail air oighreachd ann an Cluainidh, far an robh athair na gheamair.

Bha Iain Fearchar ainmeil mu dheireadh mar bhall-pàrlamaid, ach bha e ag obair às leth na coimhearsnachd aige fhèin ann an Cinn Tàile 's feadh an taobh siar fada ron sin.

"Bha Iain Fearchar Rothach a' strì agus ag iomairt às leth na coimhearsnachd aige fhèin fada, fada mus deach e gu Holyrood, no mus robh guth gum biodh Holyrood idir ann," dh'innis am fear-naidheachd Pàdraig MacAmhlaigh, caraid do dh'Iain Fearchair.

Ach b' ann mar chomhairliche a thàinig e gu aire dhaoine ann an sgìre nas fharsainge - an toiseach air seann chomhairle Shiorrachd Rois, 's an uair sin air comhairle sgìre an Eilean Sgitheanaich 's Loch Aillse, far an do rinn e ainm dha fhèin mar fhear-gairm comasach.

Nuair a thàinig ath-leasachadh air na h-ùghdarrasan ionadail fhuair e àite air Comhairle Roinn na Gàidhealtachd.

Pàrlamaid na h-Alba

Bha e na chomhairliche air Ghàidhealtachd gus an deach e dhan Phàrlamaid ann an Dùn Èideann, nuair a dh'fhosgail i an toiseach.

Bhiodh Iain Fearchar tric a' bruidhinn air gnothaichean leithid ath-leasachadh fearainn, obraichean, croitearachd, agus Gàidhlig, am measg eile.

Bha e cuideachd gu mòr an sàs ann a bhith a' cur às do chìsean air Drochaid an Eilein Sgitheanaich.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Daoine a bha eòlach air - gu pearsanta agus gu poilitigeach

Le bhàs, tha seann ghinealach Gàidheil Loch Aillse an ìre mhath a' tighinn gu crìch.

"'S e duine a bh' ann cuideachd a dhèanadh gàire. Ma bha plòidh a' dol, dh'fhaodadh tu a bhith cinnteach gun robh Iain Fearchar aig teis-mheadhan cùisean," thuirt Ùisdean MacIllFhinnein.

Chaochail Iain Fearchar na dhachaigh agus e air a bhith ìosal airson ùine.