A' bhòtadh san referendum

Bogsa-bhòtaidh Image copyright Other
Image caption An turas seo, airson a' chiad uair, bidh daoine òga aois 16 agus 17 cuideachd ceadaichte bhòtadh.

Air Diardaoin, an 18mh den t-Sultain, thèid faighneachd do dhaoine ann an Alba a tha clàraichte 'son bhòtadh: "Am bu chòir do dh'Alba a bhith na dùthaich neo-eisimileach?"

Bidh dà roghainn aig an luchd-bhòtaidh - "bu chòir" no "cha bu chòir".

Seo beagan fiosrachaidh mun referendum - Càite? Cò? Cuin?

Cuin a bhios an referendum ann?

Air an 18mh den t-Sultain 2014. Bidh na h-ionadan bhòtaidh fosgailte eadar 7.00m agus 10.00f.

Dè a' cheist a thèid fhaighneachd?

'S e a cheist a chaidh aontachadh le Coimisean an Taghaidh: Am bu chòir do dh'Alba a bhith na dùthaich neo-eisimileach?

Am bi a' cheist a' nochdadh sa Ghàidhlig air a' phàipear bhòtaidh?

Cha bhi.

Cò bhios a' bhòtadh?

Bidh a h-uile duine a tha clàraichte 'son bhòtadh ann an Alba ceadaichte bhòtadh san referendum. An turas seo, airson a' chiad uair, bidh daoine òga aois 16 agus 17 cuideachd ceadaichte bhòtadh.

Dè na buidhnean a tha os cionn an dà iomairt?

Tha a' bhuidheann Bu Chòir no YES Scotland ag iomairt airson Alba a bhith neo-eisimileach.

Tha a' bhuidheann Nas Fheàrr Còmhla ag iomairt airson gum fuirich Alba na pàirt den Rìoghachd Aonaichte.