Coinneamh mu Chàball a' Chuain Sgìth

Càbal air grunnd na mara
Image caption Thuirt Mgr MacÌomhair nach bu chòir dhan phròiseas, ann am beachd na Comhairle, a bhith air toirt cho fada.

Tadhalaidh Ministear Cumhachd na h-Alba, Fearghas Ewing, air Steòrnabhagh an ath-mhìos gus beachdan a' chluinntinn mu phlanaichean airson càball dealain a chur eadar na h-Eileanan Siar agus Tìr-Mòr.

Chaidh a' choinneamh a ghairm airson cothrom a thoirt dhan mhinistear beachdan a chluinntinn bho riochdairean a tha an sàs anns a' phròiseict.

San Dùbhlachd an-uiridh, dh'innis SSE gun deach ceann-là a' phròiseict a chur air ais dà bhliadhna, gu 2019.

Thairis air a' bhliadhna a chaidh seachad, tha a' Chomhairle, cuide ri buidhnean leithid Riaghaltas na h-Alba, air a bhith a' rannsachadh ciamar a ghabhas adhartas a dhèanamh a thaobh cumhachd ath-nuadhachail anns na h-Eileanan.

Strike price

Aig deireadh na bliadhna an-uiridh, nuair a nochd 'strike price' ùr, bha mòran a' gearain gun robh e ro ìosal do na h-eileanan, gu h-àraidh na h-Eileanan Siar, agus nach pàigheadh e do luchd-leasachaidh càil a dhèanamh san sgìre.

Thuirt Stiùiriche Leasachaidh Chomhairle nan Eilean Siar, Calum Iain MacÌomhair, ge-tà, gu bheil an strike price, a' phrìs a thathar a' moladh airson gach MW de chumhachd gach uair de thìde, a' toirt cothrom adhartas a dhèanamh.

Thuirt e gu bheil an riaghaltas agus na trì comhairlean ionadail anns na h-Eileanan airson a thighinn còmhla gus faicinn dè an còrr a tha ri dhèanamh 'son dèanamh cinnteach gun urrainnear an t-adhartas sin a dhèanamh sna bliadhnaichean ri thighinn.

A rèir clàr-ama na Comhairle, nan cuireadh SSE an Needs Case a-steach aig toiseach a' Mhàrt, dh'fhaodadh, ro dheireadh na bliadhna seo, gum biodh Ofgem deiseil dhan obair acasan.

An uair sin, mun àm seo an ath-bhliadhna, bhithear dòchasach òrdugh a chur a-steach airson a' chàball agus, 's dòcha trì bliadhna às dèidh sin, an càball air a chur sìos, le 'energisation' a' leantainn trì bliadhna às dèidh sin.

Ceumannan

Mar sin, mu 2018, bhithear an dòchas gum biodh an càball na àite, na pròiseactan an sàs, agus na buannachdan eaconamach airson nan eilean a' tighinn am follais.

Thuirt Mgr MacÌomhair nach bu chòir dhan phròiseas, ann am beachd na Comhairle, a bhith air toirt cho fada.

Tha siostam ioma-fhillte, agus an àireamh de dhiofar bhuidhnean a tha an sàs sa chùis, a' ciallachadh gu bheil na h-uiread de cheumannan an lùib phròiseactan 's gu bheil e air fàs duilich adhartas a dhèanamh.

Ach, a dh'aindeoin gach duilgheadas, tha a' Chomhairle dòchasach gu bheilear air ìre mhath a ruighinn sa phròiseas agus gum faicear piseach anns na beagan bhliadhnaichean ri thighinn.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile