Cupa Ceilteach air ais an Glaschu
- Air fhoillseachadh
Tillidh Cuairt Dheireannach Chupa Chomann Ceilteach Ghlaschu dhan bhaile fhèin am bliadhna 'son a' chiad uair bho 2010.
B' ann ann Glaschu a bha an geama gu traidiseanta, ach le ceistean air nochdadh mu chosgaisean am measg eile, chaidh a' chuairt dheireannach air adhart ann an Inbhir Aora ann an 2011 agus ann Srath Chura ann an 2012 is 2013.
Dhearbh an Comann ge-tà, gum bi cuairt dheireannach 2014 ann Disathairne an 28mh den Òg-Mhìos aig Pàirce Àrd-Sgoil Ghlaschu aig Old Anniesland.
"Tha sinn uabhasach fhèin toilichte an geama a thoirt air ais gu Glaschu," thuirt Ceann-suidhe a' Chomainn, Donnchadh Camshron.
"Sùilean an t-Saoghail"
"Bu mhiann leinn a' chuairt dheireannach a chluich ann an Glaschu an-dràsta is a-rithist agus le sùilean an t-saoghail air spòrs sa bhaile air an t-Samhradh, tha e iomchaidh gun till sinn ann," thuirt e.
Chaidh an taghadh a dhèanamh 'son farpais na bliadhna, is bidh cothrom aig an dà sgioba a tha air làmh an uachdair a ghabhail oirre anns na bliadhnaichean a dh'fhalbh, Inbhir Aora is Caol Bhòid, coinneachadh sa chuairt dheireannaich a-rithist.
Tòisichidh Caol Bhòid - a rinn a' chùis air Inbhir Aora air slaicean-peanais sa chuairt dheireannaich an-uiridh - le geama air falbh an aghaidh Thaigh an Uillt no Obar Dobhair.
Bidh Inbhir Aora an aghaidh Chille Mhoire no Baile a' Chaolais.
Tha an taghadh air fad mar a leanas;
Cuairt 1
Srath Chura - Gleann Urchaidh
Celtic an Òbain - Eilean Bhòid
Taigh an Uillt - Obar Dobhair
Cille Mhoire - Baile a' Chaolais
Cuairt 2
Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal - Srath Chura / Gleann Urchaidh
Taigh an Uillt / Obar Dobhair - Caol Bhòid
Camanachd an Òbain - Celtic an Òbain / Eilean Bhòid
Cille Mhoire / Baile a' Chaolais - Inbhir Aora
Iar-Chuairt Dheireannach
Taigh an Uillt / Obar Dobhair / Caol Bhòid - Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal / Srath Chura / Gleann Urchaidh
Camanachd an Òbain / Celtic an Òbain / Eilean Bhòid - Cille Mhoire / Baile a' Chaolais / Inbhir Aora