Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

29 Am Faoilleach 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Mark Carney

Thèid Riaghladair Bhanca Shasainn, Mark Carney, an sàs anns an deasbad mu neo-eisimeileachd do dh'Alba an-diugh. Bidh Mgr Carney ann an Dùn Èideann airson òraid agus coinnichidh e ris a' Phrìomh Mhinistear, Ailig Salmond. Bidh e a' bruidhinn air a' bhuaidh a bheireadh neo-eisimeileachd air siostaman airgid.

Siria

Gheibh cuid de na fògarraich as motha a th' ann an cunnart ann an Siria air a thighinn a Bhreatainn. Ach, tha cuid a' càineadh an riaghaltais bho nach eil Breatainn a' gabhail pàirt ann an sgeama fògarrach an UN, a tha ag amas air dachaighean ùra a thoirt dha na mìltean dhaoine. Tha dùil gun tig na ceudan a Bhreatainn.

Sainsbury

Leigidh Àrd-Stiùiriche Sainsbury, Justin King, dheth a dhreuchd anns an Iuchair. Tha e an dèidh a bhith anns an dreuchd airson 10 bliadhna. Thuit earrannan Sainsbury còrr air 2% nuair a thàinig an naidheachd a-mach gun robh e a' falbh.

Croitearan

Tha Riaghaltas na h-Alba a' cur ìmpidh air croitearan an talamh aca a chlàradh ann am buidhnean, an àite a bhith a' clàradh gach croit fa leth. Gheibh croitearan a tha am beachd sin a dhèanamh taic bhon riaghaltas agus iad gu bhith a' cumail bhùithtean-obrach agus a' toirt comhairle seachad. Thuirt an riaghaltas gum faodadh gun deigheadh aig daoine air argamaidean, neo fiù 's cùisean lagha, mu chrìochan a sheachnadh nan clàradh iad an cuid chroitean mar phàirt de bhuidheann.

Gnìomhachas an togail

Dh'fhaodadh gun tèid suas ri 30,000 cosnadh a chruthachadh ann an gnìomhachas an togail ann an Alba san ath cheithir bliadhna. Sin a-rèir rannasachadh bho Bhòrd Trèanaidh Gnìomhachas an Togail - an CITB. Thuirt iad gun toir pròiseactan taigheadais, obair leasachaidh air seach-rathad Obar Dheathain agus air drochaid ùr Linne Fhoirthe brosnachadh dhan roinn. Sheall an rannsachadh cuideachd, ge-tà, nach bi cùisean cho fallain ann an Alba an coimeas ris a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte.

Clogaid

Chaidh sanas telebhisein a bha ag iarraidh air dràibhearan a bhith nas fhaiceallaiche timcheall air luchd-baidhsagail a chasg, bho nach robh clogaid air boireannach a bh' air baidhc. Thuirt Ùghdarras nan Inbhean Sanasachd gun robh an sanas mì-chùramach. Ach, bha Cycling Scotland, a rinn an sanas, ag ràdh nach eil e an aghaidh an lagh a dhol a-mach air baidhsagal gun chlogaid.