Àireamh sluaigh Thiriodh ga deasbad
- Air fhoillseachadh
Beachdaichidh na Tirisdich aig bùth-obrach deireadh na seachdain seo air mar a ghabhas àrdachadh a thoirt air àireamh sluaigh an eilein.
Sheall figearan a' chunntais-shluaigh an-uiridh gun do thuit àireamh sluaigh Thiriodh 15% eadar 2001 is 2011, gu 653.
Thuit àireamh-sluaigh Earra-Ghàidheal is Bhòid gu lèir còrr is 3,000 aig an aon àm.
'S e sin a tha a' fàgail gu bheil Com-pàirteachas Planadh Coimhearsnachd Earra-Ghàidheal is Bhòid a-nise a' dol air feadh na sgìre gus beachdan dhaoine a shireadh mun ghnothach.
'S e Urras Thiriodh a bhios os cionn ghnothaichean aig a' bhùth-obrach san eilean.
Am measg eile, tha dùil gun tèid beachdachadh air dòighean gus cosnadh a chruthachadh.
Teaghlaichean
"Tha sinn a' faicinn a h-uile bliadhna gu bheil teaghlaichean a' fàgail an eilein," thuirt Donna NicIlleathain bhon Urras.
"Chan fhaod sinn obraichean a thoirt a-mach às na speuran, chan eil fiosam cò às a tha an obair a' dol a thighinn," thuirt i.
Bha dòchas ann gum tigeadh obraichean gu Tiriodh à pròseict gus tuath-gaoithe a thogail far chosta an eilein.
Dh'innis Scottish Power Renewables san Dùbhlachd nach biodh an 'Argyll Array' a' dol air adhart.
Bidh bùth-obrach Thiriodh ann aig Talla Chrosaboil Disathairne eadar 1:30f is 5:00f
Bha bùithdean-obrach mar thà ann an Dùn Omhain is Baile Bhòid, is thèid beachdan a shireadh san Òban, Baile Eilidh, air an Tairbeart, agus Ceann Locha, a bharrachd air Tiriodh.