Carney: Beachdachadh cùramach a dhìth
- Published
Tha Riaghladair Bhanca Shasainn air a ràdh gu bheil "beachdachadh cùramach" a dhìth mu phlanaichean airson an not a chleachdadh ann an Alba neo-eisimeileach, ann an aonta leis a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte.
Thuirt Mark Carney gum feumar bunaitean iomchaidh a stèidheachadh mus gabhadh aonadh airgid aontachadh, mar a chaidh a mholadh le Riaghaltas na h-Alba.
Thuirt e gun deach na cunnartan a tha an lùib a bhith a' seachnadh nam bunaitean sin a shoilleireachadh san Roinn Eòrpa sna bliadhnaichean a dh'fhalbh.
Thàinig beachdan Mhgr Carney air thoiseach air an referendum airson neo-eisimeileachd na h-Alba.
Referendum
Air an 18mh là den t-Sultain, thèid faighneachd do dhaoine ann an Alba a tha clàraichte airson bhòtadh: "Am bu chòir do dh'Alba a bhith na dùthaich neo-eisimeileach?"
Nan deigheadh bhòt "Bu chòir" troimhe, tha Riaghaltas na h-Alba air moladh gur e an not agus seirbheisean Banca Shasainn a chumail, fo aonta fhoirmeil, an roghainn as fheàrr do dh'Alba agus a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte.
Tha Riaghaltas Bhreatainn air a ràdh nach eil e coltach gun tachradh sin, agus gum biodh sin a' ciallachadh gum biodh aig Alba ri ìrean an rèidh agus ìrean iasaid a chur fo smachd dùthaich cèin.
Bha Mgr Carney ann an Dùn Èideann gus òraid a thoirt seachad mun bhuaidh a bheireadh neo-eisimeileachd air siostaman airgid.
Coinneamh
Fhad 's a bha e sa phrìomh-bhaile, choinnich e ris a' Phrìomh Mhinistear, Ailig Salmond.
Bha iad a' bruidhinn, am measg eile, mu bhith a' cruthachadh "Sòn Sterling" nam bhòtadh muinntir na h-Alba airson neo-eisimeileachd.
Tha am Prìomh Mhinistear airson an not a chumail agus thuirt e gun robh na còmhraidhean soirbheachail agus gun do dh'aontaich Mgr Carney ri "còmhraidhean teicnigeach" a chumail ron referendum san t-Sultain.
Mas e agus gum bhòt Albannaich airson neo-eisimeileachd, dhaingnich Mgr Carney gum biodh aonadh airgid an urra ri pàrlamaidean na h-Alba agus na Rìoghachd Aonaichte a-mhàin.
Thuirt e: "Nan tachradh an leithid de chòmhraidhean, dh'fheumte beachdachadh cùramach a dhèanamh air na bunaitean a tha eaconamachd ag innse dhuinn a tha a dhìth gus am mair e, gu seachd àraid leis na cunnartan soilleir a th' ann don aonadh airgid mur a bi na bunaidean seo ann an àite.
"Chaidh na cunnartan sin a shoilleireachadh san Roinn Eòrpa sna bliadhnaichean a dh'fhalbh, le èiginn nam fiachan, èiginn ionmhasail, agus diofar mòr ann an soirbheachas eaconamach.
"Tha Sòn an Euro a-nis a' tòiseachadh air a chuid laigsean a chur ceart, ach feumar tuilleadh cheumanan susbainnteach a ghabhail airson uallach agus goireasan fiosgail a roinn.
"Gu h-aithghearr, feumar na h-uimhir de fhlaitheanas ìobairt airson aonadh airgid soirbheachail a stèidheachadh."
Beachdan
Chuir Rùnaire an Ionmhais, Iain Swinney, fàilte air òraid Mhgr Carney.
"Bheir aonadh airgid cothrom do dh'Alba neo-eisimeileach smachd a ghabhail air poileasaidh cìse, poileasaidh cosnaidh, poileasaidh tèarainnteachd shòisealta, teachd-a-steach ola agus gas, agus poileasaidh in-imrich, am measg eile, a' cuideachadh gus fàs a thoirt air an eaconamaidh, obraichean a chruthachadh agus sòisealtas nas soirbheachaile 's nas cothromaiche a bhith againn," thuirt e.
Ach, thuirt Alistair Darling, a bha roimhe na Sheansalair agus a tha a-nis os cionn na h-iomairt Nas Fheàrr Còmhla: "Thàinig aon teachdaireachd shoilleir bho òraid Mhgr Carney - gu bheil fàilligidhean Sòn an Euro a' dearbhadh gu bheil feum air aonadh fiosgail agus poileataigeach airson aonadh ionmhasail soirbheachail.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Published
- 29 Am Faoilleach 2014