Rathad an Referendum: An Roghainn

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Nas lugha na ochd mìosan ri dhol

Chan eil a-nis ach ochd mìosan mus bhòt sinn air am bu chòir do dh'Alba a bhith na dùthaich neo-eisimeilich.

Ciamar a sheasas an deasbad aig toiseach na bliadhna mòire seo?

Tha diofar dhòighean gus a' cheist sin a fhreagairt.

Dh'fhaodadh tu coimhead air na tha a' dol an seo aig Holyrood, air an òraid bho Riaghladair Bhanca Shasainn agus beachdan an dà riaghaltais, mu thuath is mu dheas, mu dèidhinn.

(Tillidh mi gu sin fhathast).

Mholainn sin do dhuine sam bith - ach chan fhaigheadh tu ach pàirt dhen sgeòil.

Eadar-dhealaichte

Mar fhear-naidheachd poileataigeach, gu dearbh, 's e sin a bhios mise a' dèanamh bho là gu là.

Ach nuair a dh'fheuchas tu ri sgeulachd bhòt na bliadhna innse, cha dèan sin an gnothach.

Tha reifreann eadar-dhealaichte.

An turas-sa, chan e pàrlamaid no riaghaltas sam bith a chuireas romhpa dè thachras - air an là a bhòt buill-phàrlamaid Albannach airson bile an reifrinn, leig iad a' chumhachd sin dhiubh.

Ged nach tachair a' bhòt chun ochdamh là deug dhen t-Sultainn, tha iadsan air am beachd a thoirt seachad mar-thà.

An turas-sa, 's ann aig an luchd-bhòtaidh a tha an cumhachd.

Beachdan

'S ann air sgàth sin a chuir sinn romhainn gun a bhith a' bruidhinn ri luchd-poileataigs airson Rathad an Referendum: an Roghainn, a' chiad prògram ann an sreath air thoiseach air a' bhòt as t-fhoghar.

An àite sin, bhruidhinn sinn ri Gàidheil à diofar àiteachan, de dhiofar aoisean agus le diofar bheachdan.

Bha cuid daingean nam beachdan, cuid eile 's dòcha a bha a-measg na feadhna a tha a' beachdachadh air am bhòt fhathast.

'S coltach gun toir an fheadhainn sin buaidh mhòir air an toradh.

Tha an t-sabaid airson taic eadar an dà thaobh cruadh.

Fàsaidh i nas cruaidhe builleach mus tig là an reifrinn fhèin.