Gearain mu phròiseas Comhairle

Loch Èite Image copyright Loch Etive Cruises
Image caption Tha còig tuathanasan aig a' chompanaidh air Loch Èite mar-thà.

Thug Comataidh Dealbhachaidh Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid cead dhan chompanaidh ''Dawnfresh'' deich cèidsichean a stèidheachadh ann an Loch Èite, aig Sàilean Ruadh, faisg air Taigh an Uillt.

A rèir na buidhne Caraidean Loch Èite, a tha a' cur an aghaidh an tuathanais èisg, chuir 89% de na daoine a tha a' fuireach mun loch na aghaidh air làrach-lìn na Comhairle 's iad draghail mun bhuaidh a bheir e air àrrainneachd an locha, air turasachd, agus air obraichean eile san sgìre co-cheangailte ri uisgeachan an locha.

Cha robh SEPA, Marine Scotland, no Dualchas Nàdair na h-Alba a' cur an aghaidh an tuathanais.

Luchd-iomairt

'S e bric a' bhogha-froise a bhios gan àrach sna cèidsichean.

Tha an luchd-iomairt ag ràdh nach cruthaicheadh an tuathanas ùr obraichean sam bith, leis gur ann le innealan a dheigheadh an t-iasg a bhiadhadh.

Tha còig tuathanasan aig a' chompanaidh air an loch mar-thà.

Tha dragh air an luchd-iomairt nach deach èisteachd ri an cuid dhraghan.

Mì-chothromach

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Agallamh fuaime le Iain MacPhàrlainn, a tha a' cur an aghaidh an tuathanais èisg air Loch Èite.

"Bha mise den bheachd, dar a thàinig mi a-steach don deasbad, gun robh an co-dhùnadh air a dhèanamh roimhe," thuirt Iain MacPhàrlain, a tha am measg an fheadhainn a tha a' cur na aghaidh.

"Nam bheachdsa cha d' fhuair a h-uile duine èisteachd chothromach.

"Bhon, ann an Taigh an Uillt fhèin, bha mòran de dhaoine na aghaidh, ach cha d' fhuair iad cothrom beachd a bhith aca mu a dheidhinn bhon cha robh iad a' cluinntinn an dà thaobh.

"Rinn, nam bheachdsa, a' Chomhairle co-dhùnadh air an rud gun sealltainn air dè bha na daoine eile a' smaointeachdainn," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile