Rudan Beaga

Uaireanan, chan e susbaint an deasbaid a mhaireas nad chuimhne.

An-diugh, b' e an susbaint sin na thuirt Riaghladair Bhanca Shasainn an-dè agus e a' tadhal air Dùn Èideann.

(Don fheadhainn a b' fheàrr leotha an òraid fhèin a leughadh, gabhaidh sin dèanamh an seo).

Aig Ceistean a' Phrìomh Mhinisteir, rinn Johann Lamont iomradh air na beachdan aig Mark Carney mun Aonadh Airgid a tha Riaghaltas na h-Alba a' moladh ma nì iad a' chùis ann an reifreann na Sultainne.

Dh'fhàgadh sin gum biodh aonta foirmeil eadar Alba agus na bhiodh air fhàgail dhen Rìoghachd Aonaichte airson an not a chleachdadh mu thuath agus mu dheas.

Thuirt an Riaghladair gu feumadh "na h-uimhir de fhlaitheanas ìobairt airson aonadh airgid soirbheachail a stèidheachadh".

Saor?

Am beachd ceannard nan Làbarach cha bhiodh Alba saor idir, agus an not air a stiùireadh fhathast bho Bhaile Lunnainn.

Fhreagair am prìomh mhinistear gum bitheadh, le smachd air a' bhun-thuarastal, "cìs an t-seòmar chadail", cùram cloinne agus cogadh.

Thuirt Ms Lamont nach robh ann an sin ach "liosta de rudan beaga" a b' urrainn dhuinn dèanamh mar dhùthaich neo-eisimeileach.

Chuir sin an ceòl air feadh na fidhle.

Dh'èigh na nàiseantaich rithe gus am b' fheudar don Oifigear Riaghlaidh càineadh a dhèanamh air Rùnaire na Fhoghlaim Mìcheal Ruiseal.

Ach cha robh feum air an t-seann oide air leasan bhuaithe.

Slaic

Bha fios aice gun d' rinn i mearachd.

Thug i cothrom do dh'Ailig Salmond susbaint na ceist aice a chur don dàrna taobh agus e a' toirt slaic oirrese air a sgàth.

An robh teachd-a-steach dhaoine na rud beag? An robh taic do phàrantan? Seachnadh cogadh mì-laghail eile coltach ri Iorac?

Thuirt Mgr Salmond gun robh anns na rudan seo ach "susbaint" an deasbad air fad.

Às dèidh àm nan ceist, thuirt labhraiche a' phrìomh mhinisteir gun robh faclan ceannard nan Làbarach "tàmailteach".

Ach cha b' urrainn dha aighear a chleith.

Aonta

Ged a sheachain e iad an-diugh, tha ceistean ann fhathast mu phlana Mhgr Salmond airson aonaidh airgid.

Dhiùlt e cantainn dè an dàrna plana bha aig an riaghaltas mura gabhadh Whitehall ri a leithid.

Tha fios aig a' phrìomh mhinistear gun dèanadh sin cùisean na bu duilghe dha anns a' chomhràdh a leanadh bhòt airson neo-eisimeileachd, agus anns an deasbad roimhpe.

Agus, nan deigheadh aonta a ruighinn, chan eil fhios againn dè a bhiodh ann.

An gabhadh Roinn an Ionmhais ris an lùghdachadh air a' chìs chorparaid a tha an SNP a' moladh?

Dìreach rudan beaga air am faodadh sibh beachdachadh.