Deugairean gus bhòtadh an Càrlabhagh
- Air fhoillseachadh

Gheibh deugairean aois 16 agus 17 bhòt air planaichean gus Oighreachd Chàrlabhaigh ann an Leòdhas a cheannach.
'S e seo a' chiad turas a tha bhòt air a tabhainn do dheugairean ann an co-dhùnadh ceannaich-choimhearsnachd.
Chaidh aontachadh gu h-aona-ghuthach aig coinneimh oidhche Chiadain aois a' bhòtaidh ìsleachadh airson a' bhaileat.
Tha Urras Oighreachd Chàrlabhaigh am beachd an oighreachd air a bheil iad a' fuireach, sa bheil 11,400 àcair (4,613 hectaire) a cheannach bhon uachdaran.
Feumaidh deugairean clàradh airson bhòtadh ro 6mh an Gearran, air thoiseach air a' bhaileat phuist, a thèid a chumail air 10mh an Gearran.
Feumaidh na pàipearan a bhith air an tilleadh ro 4:00f air 24mh an Gearran, nuair a thèid an cunntadh.
'S iad Comhairle nan Eilean Siar a tha a' ruith na bhòta.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 22 Am Faoilleach 2014