Dearbhadh gun dùin ionadan-stiùiridh
- Air fhoillseachadh
Thàinig dearbhadh gur e dìreach trì ionadan-stiùiridh a bhios aig Seirbheis Smàlaidh na h-Alba airson dèiligeadh ri brathan èiginn, an àite nan còig a th' ann an-dràsta.
Dh'aontaich bòrd na seirbheis nàiseanta gun tèid na h-ionadan ann an Inbhir Nis, Obar Dheathain, Dùn Phris, san Eaglais Bhric agus Fìobha a dhùnadh.
Fàgaidh sim dìreach na trì ionadan ann an Dùn Èideann, Dùn Dèagh agus Baile Eoghainn, ann an siorrachd Roinn Friù.
Thuirt aonadh an luchd-smàlaidh ann an Roinn a' Mhonaidh gun dèan sin sgrios air an t-seirbheis sa cheann a tuath.