Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

31 Am Faoilleach 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Meredith Kercher

Chuir teaghlach Meredith Kercher fàilte air an naidheachd gun deach na dìtidhean muirt airson Amanda Knox agus Raffaele Sollecito a stèidheachadh às ùr. Tha sia bliadhna bho chaidh an t-oileanach, a bhuineadh do Lunnainn, a mharbhadh ann am Perugia. Thuirt bràthair Meredith gu bheil cho fada 's a tha a' chùis air a bhith a' leantainn an dèidh cùisean a dhèanamh tòrr nas miosa dhan teaghlach.

E.coli

Tha oifigearan slàinte ag ràdh gum faodadh ceangal a bhith eadar sreath de chùisean E.coli agus Talla-chluiche ùr an Hydro an Glaschu. Thàinig e air seachnar agus tha dùil gun do dh'ith iad uile burgairean aig an Hydro. Tha iad ag iarraidh air duine sam bith a bh' aig an Hydro eadar an t-seachdamh là deug agus an còigeamh là fichead den Fhaoilleach, agus nach eil a' faireachdainn gu math, a dhol gu dotair. Thuirt neach-labhairt bhon an Hydro gu bheil iad a' feitheamh ri barrachd fiosrachaidh mun chùis, ach nach d' fhuair luchd-sgrùdaidh càil ceàrr air na h-àiteachan-bidhe aca agus nach eil iad draghail mun t-seirbheis bìdhe a tha iad a' toirt seachad do dhaoine.

Dewani

Cho-dhùin an Àrd-Chùirt an-diugh gum faod Shrien Dewani, a tha fo chasaid gur e a chuir murt na mnà aige air dòigh, a bhith air a chur a dh'Afraga a Deas. Chaidh a bhean Anni a mhurt an Afraga a Deas ann an 2010. Bha an luchd-lagha aige ag argamaid nach bu chòir a chur a Chape Town ri linn 's gu bheil e a' fulang le trom-inntinn. Cho-dhùin triùir bhritheamhan ge-tà, gu bu chòir a chur a dh'Afraga a Deas, cho fad 's gun aontaich na h-ùghdarrasan an sin a thilleadh a Bhreatainn mur a bi e fut nochdadh sa chùirt.

Sellafield

Thuirt a' chompanaidh a tha a' ruith ionad niuclasach Sellafield ann an Cumria nach bi uiread de luchd-obrach a-staigh aca an-diugh, às dèidh mar a chaidh ìrean nas àirde de rèidiachd a chlàradh. Chaidh cuid a luchd-obrach a chur dhachagh. Ach, tha a' chompanaidh ag ràdh nach eil an luchd-obrach, no gu dearbha am mòr-shluagh ann an cunnart.

Francois Hollande

Tha Dàibhidh Camshron agus Ceann-suidhe na Frainge, Francois Hollande, a' cumail chòmhraidhean aig RAF Brize Norton ann an Oxfordshire. Tha dùil gun cur iad an ainmean ri aontan mu dhìon agus cumhachd, ach cha bhith dùil ri aonta air leasachaidhean an Aonaidh Eòrpaich.