Ionad Smàlaidh
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Ionadan Smàlaidh gan dùnadh

31 Am Faoilleach 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Dùinidh Seirbheis Smàlaidh na h-Alba còig ionadan stiùiridh, 's iad a' toirt crathadh air mar a tha iad a' dèiligeadh ri brathan èiginn.

Dh'aontaich Bòrd Smàlaidh na h-Alba gun tèid na h-ionadan ann an Obar Dheathain agus Inbhir Nis à bith, a thuilleadh air ionadan na h-Ealais Brice, Fìobha agus Dùn Phrìs.

Cha bhi air fhàgail ach na h-ionadan ann am Baile Eòin, Dùn Èidean agus Dùn Dè.