Sneachda, gaoth agus làn àrd

An A9 Image copyright Traffic Scotland
Image caption Tha rabhaidhean ann air sneachda ann am mòran sgìrean.

Tha tubaist anns an robh càr agus dà làraidh an sàs, air an A9 a dhùnadh faisg air Druim Uachdair, fhad 's a tha cathadh sneachda anns an sgìre.

Thuirt na Poilis gun robh sneachda air a dhol na "thrioblaid mhòr" air cuid den rathad.

Anns na h-Eileanan Siar, tha dùil ri gaoth 60-70msu, le làn àrd agus tonn-tuile.

Tha rabhaidhean gan sgaoileadh mu dhroch-shìde ann an iomadh pàirt de dh'Alba, le sneachda agus gaoth mhòr air fàire Dihaoine agus thar deireadh na seachdaine.

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gur ann air baile Steòrnabhaigh, air a' Bhràighe, cabhsairean Uibhist, agus cabhsair Sheileaboist anns na Hearadh as motha a bheir an aimsir buaidh.

Thuirt a' Chomhairle cuideachd gun tug iad pocannan gainnmhich do ghnothachasan.

Tha rabhadh buidhe air tighinn bho Oifis a' Mhet airson sneachda airson pàirtean den Ghàidhealtachd, an Ear-thuath, Taobh Tatha, Fìobha, Meadhan Alba, Srath Chluaidh, Lodainn 's na Crìochan, agus Iar-dheas na h-Alba.

Tha rabhadh ann cuideachd gum bi rathaidean àrda cunnartach ri linn an t-sneachda.

Tha dùil cuideachd ri gaoith mhòir agus làn-àrd ann an Sealtainn tron fhionnaraidh Dihaoine.