Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

3 An Gearran 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Lloyds

Chuir Buidheann Bancaidh Lloyds £1.8bn eile an dara taobh airson airgead a thoirt do dhaoine ris an do reic am banca àrachas PPI air nach robh feum aca. Tha seo a' toirt na suime gu lèir gu £10bn - mu leth na dh'fheumas gnìomhachas nam bancaichean a phàigheadh mar thorradh air an sgainneal. Thuit luach earrainnean Lloyds mu 2% na bu tràithe air a' mhadainn leis an naidheachd.

Drogaichean

Chuir na Poilis agus seirbheisean slàinte rabhadh a-mach mu dhrogaichean an dèidh bàs deugaire aig club oidhche ann an Glaschu air an deireadh-sheachdain. Bidh rannsachadh bàis ann an-diugh air Regane McColl a bha 17 bliadhna de dh'aois. Tha aithrisean ann gur e pile eacstasaidh a ghabh i air a bheil an t-ainm Mortal Combat. Chaidh ceathrar eile a thoirt dhan ospadal air an deireadh-sheachdain an dèidh pile den aon sheòrsa a ghabhail.

Cìs nan Seòmraichean-Cadail

Gheall Riaghaltas na h-Alba gun cuir iad £15m eile ri cuideachadh dhaoine air a bheil Cìs nan Seòmraichean-Cadail a' toirt buaidh an Alba. Chuir Riaghaltas na h-Alba mar thà air leth an t-suim airgid a tha ceadaichte fo na riaghailtean, agus tha iad a-niste ag iarraidh cead Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte an t-airgead a bharrachd a tha seo a chosg.

Ugràin

Thill Ceann-suidhe Ugràin, Victor Yanukovych a dh'obir an-diugh agus e air a bhith far obair airson ceithir là agus aithrisean ann gun robh e tinn. Tha na pàrtaidhean dùbhlain fhathast ag iarraidh air a dhreuchd fhàgail.

An Ruis

Thuirt Poilis anns an Ruis gun d'fhuair iad smachd air oileanach le gunna a bha air còrr is 20 duine a chur am bruid aig sgoil air iomall Mhosgo. Thuirt na Poilis gun do mharbh e oifigear poilis agus tidsear.

Poileasaidh Coitcheann an Àiteachais

Tha dragh air ball Gàidhealach ann am Pàrlamaid na h-Alba, Rhoda Ghrannd, nach fhaigh croitearan na bu chòir dhaibh de shubsadaidh nuair a thig Poileasaidh ùr Coitcheann an Àiteachais gu bith. Tha i ag ràdh gu beil laigse ann an seirbheisean bann-leathainn anns na sgìrean iomallach a' ciallachadh gu bheil mòran chroitearan nach urrainn pàirt a ghabhail anns a' chonaltradh air-loidhne aig Riaghaltas na h-Alba mun atharrachadh air an CAP.