Obair tuile Inbhir Nis "nas fhaide na bha dùil"

Sràid na Bruaiche Image copyright Kenneth Allen/Geograph
Image caption Bha dùil gun deigheadh an rathad fhosgladh a-rithist air 10mh an Gearran.

Bidh Sràid na Bruaiche ann am meadhan baile Inbhir Nis dùinte nas fhaide na bha dùil gus an cuirear crìoch air obair airson bacadh a chur air tuiltean sa bhaile.

Bha dùil gun deigheadh an t-sràid ath-fhosgladh do thrafaig air 10mh an Gearran, gus nach cuireadh e ri tachdadh trafaig ris a bheil dùil nuair a thèid obair a dhèanamh air Drochaid Cheasaig air an A9.

Thathas a' cur uachdair ùir air an taobh de Dhrochaid Cheasaig a tha a' dol gu deas, an dèidh mar a chaidh an obair sin a dhèanamh air taobh eile na drochaid an-uiridh.

Tòisichidh an obair, a tha a' cosg £13.2m uile gu lèir, air 10mh an Gearran, agus mairidh i 20 seachdain, le dìreach dà shreath den drochaid fosgailte seach an ceithir a th' ann gu h-àbhaistach, ag obair fo shiostam conn-trafaig.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gum bi an Cèitean ann mus fhosglar Sràid na Bruaiche a-rithist.

Thàinig maill air an sgeama ri linn 's gun deach creagan mòra a lorg fon t-sràid, a tha an cois Abhainn Nis.

Thuirt a' Chomhairle gun robhas fhathast ag amas air an obair a bhith deiseil mus tòisich seusan na turasachd as t-Samhradh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile