Robin Banks air caochladh
- Air fhoillseachadh

Chaochail Robin Banks, a bha bliadhnaichean mòra an sàs ann an obair a' Chomuinn Ghàidhealaich san Òban.
Bha e 81 bhliadhna de dh'aois.
Bha Mgr Banks, a bha na fhear-lagha, uair na chathraiche air meur an Òbain den Chomunn agus bha e aithnichte aig Mòdan, an dèidh dha a bhith an sàs annta airson 58 bliadhna.
Thuirt Ceann-suidhe a' Chomuinn Ghàidhealaich, Iain MacLeòid: "Duine a bh' ann a bha gu math comasach. Duine sgairteil, duine stuama cuideachd."
Eòlas
Dh'innis Mgr MacLeòid gur ann tro neach-teagaisg ann an Àrd-sgoil an Òbain, Dòmhnall MacThòmais, a thog Mgr Banks ùidh sa Ghàidhlig.
Ged nach biodh e ga bruidhinn, bha tuigse aige gu ìre air a' Ghàidhlig, agus bha ùidh mhòr aige san dualchas agus anns a' chànan.
"Bha sinn a' cur luach air an stiùir a bha e a' toirt dhuinn 's a' chuimhne a bh' aige air na bha air tachairt sna bliadhnaichean a dh'fhalbh, agus an eòlas a bh' aige aig ìre ionmhais is lagha," thuirt Mgr MacLeòid.
Bha Mgr Banks cuideachd na chomhairliche air Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid airson 15 bliadhna, 6 dhiubh sin na Iar-Cheannard.