Plana nan Lib-Deamach airson tuilleadh chumhachdan

Holyrood Image copyright Getty Images
Image caption Foillsichidh ceannard nan Lib-Deamach ann an Alba planaichean airson cumhachdan Holyrood a leudachadh ma bhòtas Alba an aghaidh neo-eisimeileachd san referendum.

Tòisichidh oidhirp ùr oidhche Mhàirt ri beachd thar-phàrtaidh a chur air adhart mar roghainn eile, seach neo-eisimeileachd.

Foillsichidh ceannard nan Lib-Deamach ann an Alba, Uilleam Rennie, planaichean airson cumhachdan Holyrood a leudachadh ma bhòtas Alba an aghaidh neo-eisimeileachd san referendum.

Nam measg, bhiodh barrachd smachd air cìsean pearsanta agus corporra.

Tha na Lib-Deamaich air a bhith taiceil do dh'fhèin-riaghladh do dh'Alba am broinn aonaidh fheadaralaich.

Feadaraileachd

Chuir iad an cuid phlanaichean air beulaibh an t-sluaigh san Dàmhair 2012, le aithisg air an robh Federalism - the best future for Scotland, air a sgrìobhadh le coimisean bun-reachdail le seann cheannard a' phàrtaidh, Sir Menzies Caimbeul, anns a' chathair.

Na òraid, cuiridh Mgr Rennie cuideam air a' bheachd gu bheil "co-aontachd a' tighinn am follais gus Alba nas làidire a thogail taobh a-staigh na Rìoghachd Aonaichte" ma sheachnas Alba neo-eisimeileachd.

Bhòtaidh Alba san referendum air neo-eisimeileachd air 18mh den t-Sultain, le luchd-bhòtaidh a' freagairt na ceiste: "Am bu chòir do dh'Alba a bhith na dùthaich neo-eisimeileach?"

Roghainnean

Image copyright PA
Image caption Tha na Lib-Deamaich air a bhith taiceil do dh'fhèin-riaghladh do dh'Alba am broinn aonaidh fheadaralaich.

Tha na Làbaraich agus na Tòraidhean iad fhèin a' coimhead air roghainnean eile, le dùil ri an cuid phlanaichean an ceann beagan sheachdainean.

Tha Mgr Rennie airson 's gun toir coimisean Sir Menzies sùil air ciamar a ghabhadh an cuid phlanaichean a thoirt gu buil, agus clàr-ama a dhealbh a dheigheadh a chur an gnìomh nan bhòtadh Alba airson fuireach san aonadh.

Thuirt e: "Tha co-aontachd airson atharrachadh a' fàs agus chanainn gun urrainnear a bhith cinnteach, le cead an luchd-bhòtaidh san taghadh ann an 2015, gu bheil an ùidh ann an ath-leasachadh a ghluasad bhon mheadhan tro Bhreatainn air fad a-nis aig ìre 's gun tachair e.

"Tha mi airson 's gun dèan "Caimbeul II" rannsachadh air a' cho-aontachd seo," thuirt Mgr Rennie.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile