Pàirce Nàiseanta a' beachdachadh air tuathan-gaoithe

  • Air fhoillseachadh
Tuath-gaoithe
Fo-thiotal an deilbh,
Thathas a' moladh dhan chomataidh gun cur an aghaidh nam planaichean.

Beachdaichidh Comataidh Dealbhachaidh Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh air dà iarrtas airson tuathanasan-gaoithe faisg air crìochan na pàirce an t-seachdain seo.

Tha oifigearan air innse do bhuill na comataidh nach biodh buaidh mhòr aig na crainn air an àite, agus mar sin, nach bu chòir dhaibh cur nan aghaidh.

Tha Renewable Energy Systems airson dà sgeama cumhachd ath-nuadhachail a stèidheachadh faisg air criochan na pairce.

Tha iad airson 20 crann a chur suas air Monadh Damh-ath eadar Baile nan Granndach agus Inbhir Narann, coig mìle taobh a-muigh na pàirce.

Tha iad cuideachd airson 16 crainn a chur ri tuath-gaoithe a tha ann mar thà aig Druim Iubhair, deich mìle bhon phàirce nàiseanta.

Tha a' bhuidheann iomairt, Dava no More, den bheachd gu bheil am monadh aig An Damh-ath deatamach airson turasachd agus àrainneachd na sgìre.

Thuirt oifigear dealbhachaidh na Pàirce Nàiseanta Katherine Donnachie ge-tà, gun deach measadh a dhèanamh air an dà phròiseact, agus sheall sin nach biodh buaidh mhòr aca air cruth-tìre na pàirce.

Le sin, thuirt i, thathas a' moladh dhan chomataidh gun cur an aghaidh nam planaichean.

Tha an dà sgeama feumach air cead cuideachd bho Righaltas na h-Alba.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh