Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

4 An Gearran 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Eaglais Bhreac

Tha caothach air an aonadh Unite mu aithisg a' Phàrtaidh Làbaraich mu chasaidean co-cheangailte ri taghadh tagraiche Làbaraich ann an sgìre na h-Eaglaise Brice. Chaidh an aithisg, a bha dìomhair, a sgaoileadh agus fhoillseachadh anns a' Ghuardian an-diugh. Tha an aithisg ag ràdh gun do rinn Unite oidhirp air buill ùra fhastadh airson buaidh a thoirt air an taghadh. Tha Unite air a ràdh gu bheil an aithisg gun shusbainnt agus làn mhearachdan, agus tha iad ag iarraidh rannsachaidh neo-eisimeilich air a' chùis.

Pòsadh Gèidh

Bidh Pàrlamaid na h-Alba a' deasbad agus a' bhòtadh air reachdas a cheadaicheas pòsadh gèidh. Tha làn-dùil gun tèid gabhail ris an lagh ùr ged a tha cuid de na buill ag iarraidh atharrachadh a thoirt air a' bhile.

Cumhachdan

Thèid plana fhoillseachadh a-nochd a nì oidhirp air roghainn eile a dhealbh seach neo-eisimeileachd. Bidh ceannard nan Lib-Deamach an Alba, Uilleam Rennie, ag innse mu phlana airson tuilleadh chumhachdan do dh'Alba ma 's e agus gum bhòt an dùthaich an aghaidh neo-eisimeileachd.

Aillse

Tha Buidheann Slàinte na Cruinne ag ràdh gum faodadh leth den a h-uile seòrsa aillse a sheachnadh. Tha a' bhuidheann ag ràdh gum feum barrachd a dhèanamh airson dèiligeadh ris na trioblaidean a tha a' tighinn bho reamhrachd, smocadh agus deoch-làidir, agus tha rabhadh aca gum faodadh àrdachadh de 70% a bhith ann an cùisean aillse air feadh an t-saoghail thairis air an ath 20 bliadhna.

Pagastan

Tha còmhraidhean sìthe neo-fhoirmeil a' tòiseachadh ann an Islamabad eadar Riaghaltas Phagastan agus an Taliban. Thuirt fear de riochdairean an Taliban gur e àm fìor chudromach a th' ann dhan dùthaich.

Galairean Ospadail

Tha Bòrd NHS na Gàidhealtachd a' coinneachadh an-diugh a dheasbad na th' aca de dhuilgheadas a' dèiligeadh ri galairean anns na h-ospadail. Tha figearan ùra ag ràdh gu bheil e fhathast a' faileachadh air a' bhòrd shlàinte tighinn a rèir thargaidean nàiseanta airson smachd a chur air clostridium difficile.

UHI

Chaidh prionsabal agus leas-sheansalair ùr fhastadh do dh'Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean. Bidh an t-Oll. Clive Mulholland, a tha an-dràsta na iar-leas-sheansalair aig Oilthigh Cheann a Deas na Cuimrigh, a' tòiseachadh na dreuchd ùr anns an Ògmhios.