Oidhirp ùr air duine ainmeachadh

Dealbh den duine a chaidh fhaighinn marbh far chladach Chaol Acainn Image copyright University of Dundee
Image caption Tha na poilis mar-thà air grunn ainmean a rannsachadh, ach cha d' fhuairear fhathast fuasgladh air a' chùis.

Tha Poilis na h-Alba air iomairt ùr a chur air chois ann an oidhirp faighinn a-mach cò an duine a chaidh fhaighinn marbh far cladach Chaol Acainn o chionn còrr is ceithir mìosan.

Tha na poilis mar-thà air grunn ainmeannan a rannsachadh, ach cha d' fhuairear fhathast fuasgladh air a' chùis.

Tha iad an dòchas gun tig barrachd dhaoine air adhart agus fianais aca a-nis gun robh am fireannach na bu shine na bha iad an toiseach an dùil.

Thuirt na poilis gun deach an duine fhaicinn a' coiseachd air oir an rathaid, mu leth-mhìle bho Dhrochaid an Eilein Sgitheanaich, mu 06:45 air madainn na Sàbaid, an 8mh là den t-Sultain.

Fianais

Beagan às dèidh 09:00 an ath là, fhuaireadh corp an duine san uisge faisg air an drochaid.

Cha robh càil air, leithid cairt-aithneachaidh, a dh'innseadh do na poilis cò a bh' ann.

A dh'aindeoin 's gun tàinig 24 duine air adhart agus iad den bheachd gur dòcha gun robh iad eòlach air an duine, chan eil fhios fhathast cò e.

A-nis ge-tà, fha fianais ùr aca bho luchd-saidheans aig Oilthigh Dhùn Dèagh gun robh e na bu shìne na bha iad a' smaoineachadh.

Dealbh

Dh'innis an constabal Dòmhnall Moireasdan, a tha ag obair sa Chaol: "Aig an àm, bha sinn a' smaoineachadh gun robh e eadar 35 agus 45.

"Ach, bhon uair sin, tha sinn air rannsachadh a dhèanamh le Oilthigh Dhùn Dèagh agus tha iadsan air sealltainn, leis an rannsachadh a rinn iad, gu bheil e eadar 45 suas gu timcheall air 63 bliadhna de dh'aois."

Tha an luchd-saidheans cuideachd air dealbh ùr a chruthachadh den duine, a bha 5'10", le falt goirid donn agus stais.

Tha na poilis cuideachd air deilbh den dà thatù a bh' aige air a ghàirdean chlì a sgaoileadh - fear aca na litir G agus fear eile ann an cumadh croise, neo an litir 'T'.

Tha na poilis a' cur ìmpidh air duine sam bith aig a bheil fiosrachadh fònadh thuca air àireamh-fòn 101.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile