Cathraiche ùr aig Comhairle nan Eilean Siar
- Air fhoillseachadh

Chaidh Alasdair MacLeòid a thaghadh mar chathraiche airson Comataidh an Leasachaidh Mhaireannaich aig Comhairle nan Eilean Siar.
Chaidh cathraiche ùr a thaghadh airson Comataidh an Leasachaidh Mhaireannaich aig Comhairle nan Eilean Siar.
Tha an Comh. Alasdair MacLeòid, à sgìre an Rubha, a' gabhail na dreuchd a leig Eàirdsidh Caimbeul dheth o chionn ghoirid.
Fhuair e aon bhòt a bharrachd air a' Chomh. Ùisdean Robasdan.
'S e Dòmhnall Crichton an Iar-chathraiche ùr, an àite Theàrlaich MhicNeacail.
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh