Eòlaiche air buidheann aiseig fhàgail
- Published
Tha fear de bhuill Bhuidheann-Obrach nan Seirbhisean-Aiseig aig Riaghaltas na h-Alba air an àite aig air a' bhuidhinn fhàgail agus e ag ràdh nach eil guth aca air na tha as fheàrr do luchd-cleachdaidh.
Chaidh a' bhuidheann a chur air bhonn an-uiridh, airson comhairle a thoirt don Riaghaltas air na seirbheisean aiseig.
Thuirt an t-Oll. Neil Kay gu bheil structar agus dòighean-obrach na buidhe, le coinneamhan dìomhair air cùl dhorsan dùinte, a' brosnachadh nan companaidhean aiseig seach dad eile.
Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil e na bhriseadh dùil gu bheil an t-Oll. Kay a' fàgail na buidhne.
Thuirt an Riaghaltas gu bheil iad ag èisteachd ri beachd an t-sluaigh agus gum bi iad an dèidh seo a' foillseachadh nam mionaidhean bho choinneamhan na buidhne.