Holyrood a' cur taic ri buidseat an Riaghaltais

Iain Swinney Image copyright PA
Image caption 'S e airgead airson phròiseactan calpa a th' anns a' mhòr-chuid den bhuidseat a bhios mu choinneimh bhall na Pàrlamaid Albannaich.

Tha dùil gun cuir Pàrlamaid na h-Alba taic Diciadain ri buidseat an Riaghaltais, anns a bheil luach £30bn de chosgais phoblaich.

Is coltach gun cuir na Làbaraich agus na Lib-Deamaich taic ris seach gu bheil tuilleadh airgid ann do chùram-chloinne agus biadh sgoile an asgaidh.

Tha na Tòraidhean ag ràdh ge-tà, nach eil gu leòr ann am planaichean an SNP airson an eaconamaidh a chuideachadh.

'S e airgead airson phròiseactan calpa a th' anns a' mhòr-chuid den bhuidseat a bhios mu choinneimh bhall na Pàrlamaid Albannaich Diciadain.

Tha Iain Swinney air £15m a chomharrachadh gus feadhainn a tha a' fulang ri linn lùghdachadh sna sochairean taigheadais aca, leis gu bheil rùm a bharrachd aca nan dachaighean air nach eil iad a' cur feum - cìs nan seòmraichean cadail, mar a chanar ris.

Sochairean

Ach, tha e air a ràdh nach urrainn dhaibh an t-airgead a chosg às aonais cead Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte, aig a bheil smachd air sochairean.

Iarraidh Mgr Swinney uair eile air Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte cead a thoirt do Riaghaltas na h-Alba an t-sùim airgid seo a chosg mar a tha iad ag iarraidh.

Tha e cuideachd a' gealltainn gun lean còmhraidhean le na Làbaraich sa phàrlamaid airson dòighean eile a' lorg gus an t-sùim airgid seo a chosg gus daoine a chuideachadh.

Mar sin dheth, tha dùil gun cuir am Pàrtaidh Làbarach agus na Libearalaich-Dheamocratach taic ris a' bhuidseat, anns a bheil airgead a bharrachd airson cùram-chloinne agus biadh sgoile an asgaidh.

Ach tha am Pàrtaidh Tòraidheach ag ràdh nach eil gu leòr sa bhuidseat seo gus togail a thoirt dhan eaconamaidh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile