Dragh mu mhanaidsearachd àireamhan fhiadh

Fiadh
Image caption Thuirt a' Chomataidh gun tèid ceumanan a ghabhail mur an obraich an siostam a th' ann.

Feumaidh piseach tighinn air an obair a tha buidhnean a tha os cionn àireamhan fhiadh a' dèanamh, a rèir Comataidh nan Cùisean Dùthchail aig Holyrood.

Tha buill ag ràdh gu bheil adhartas fada ro shlaodach ann a bhith a' faighinn smachd air fèidh.

Leis nach eil beathaichean ann a tha a' sealg nam fiadh gu nàdarra, tha dragh gu bheil an àireamhan ag èirigh cho mòr ann an cuid de sgìrean 's nach bi biadh gu leòr ann dhaibh, 's gum fulaing iad ri linn sin.

Bheireadh sin buaidh cuideachd air bith-iomadachd agus air àiteachas.

Tha a' Chomataidh air a bhith a' toirt sùil air mar a tha am poileasaidh a th' ann ag obrachadh.

Tha iad air faighinn nach eil gu leòr smachd aig daoine air an dòigh sa bheil cuid de bhuidhnean a tha os cionn àireamhan fhiadh ag obrachadh.

Thuirt iad gum feum buidhnean planaichean a chur ann an àite ro dheireadh 2016, no gun tèid ceumanan a ghabhail mur an obraich an siostam a th' ann.