Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

5 An Gearran 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Buidseat na h-Alba

Tha dùil gun cuir Pàrlamaid na h-Alba taic an-diugh ri buidseat an Riaghaltais anns a bheil luach £30bn de chosgais phoblaich. Tha e coltach gun cuir na Làbaraich 's na Lib-Deamaich taic ris seach gu bheil tuilleadh airgid ann do chùram-chloinne agus biadh sgoile an asgaidh. Tha na Tòraidhean ag ràdh ge-tà, nach eil gu leòr ann am planaichean an SNP airson an eaconamaidh a chuideachadh.

Foill san NHS

Tha rannsachadh a rinn am BBC an Alba ag ràdh gun tàinig àrdachadh de 42% air foill taobh a-staigh an NHS air a' chòig bliadhna mu dheireadh. Tha na figearan a fhuaireas tro Achd Saorsa an Fhiosrachaidh ag ràdh gun do chlàir bùird NHS na h-Alba £2.2m de dh'fhoill a rinn luchd-obrach na slàinte agus euslaintich eadar 2008 agus 2013.

Cumhachd

Tha argamaid a' dol eadar an SNP 's na Làbaraich an dèidh beachd bho Rùnaire Cumhachd nan Làbarach ann an Westminster, Caroline Flint, a thuirt nach biodh adhbhar aig Sasainn agus a' Chuimrigh subsadaidh a chumail ri cumhachd ath-nuadhachail ann an Alba neo-eisimeileach. Thuirt Ministear Cumhachd na h-Alba, Fearghas Ewing, gu bheil na Làbaraich a' feuchainn ris a' char a thoirt às an t-sluagh, oir gu bheil muinntir na h-Alba an-dràsta a' pàigheadh chìsean a tha a' dol gu ionadan niuclasach ùra ann an Sasainn.

Seòmraichean-Stiùiridh

Tha Comhairle nan Eilean Siar a' beachdachadh air iomairt mar an iomairt a shàbhail Stèisean Mhaor-Cladaich Steòrnabhaigh airson ionadan-stiùiridh luchd-smàlaidh agus nam Poileas a chumail ann an Inbhir Nis. Chaidh innse an t-seachdain seo chaidh gun tèid na h-ionadan-stiùiridh ùra a stèidheachadh ann am meadhan na h-Alba, agus tha dragh ann mun bhuaidh a bheireadh sin air na seirbheisean anns a' cheann a tuath.

Uisge Shlèite

Gheall Uisge na h-Alba do mhuinntir Shlèite gum bi seirbheis uisge sheasmhach aca. Chan eil ach aon loch a' frithealadh na coimhearsnachd air fad an-dràsta, agus le dùil ri leasachadh mòr san sgìre tha dragh ann nach bi uisge gu leòr ann mu choinneimh sin. Aig coinneimh phoblaich an-raoir thuirt Uisge na h-Alba gu bheil iad gu math cinnteach gun tèid aca air uisge a chumail ris a h-uile duine.

RET

Cha bhiodh faraidhean RET air bathair dha na h-Eileanan fo riaghaltas SNP ann an Alba neo-eisimeileach, a rèir Mhinistear na Còmhdhail, Keith Brown. Nuair a chaidh faighneachd dhethsan am bitheadh RET ann do luchd-bathair, thuirt e nach robh dùil sam bith aca sin a dhèanamh. Thuirt e gum biodh riaghaltas SNP ag amas air loidhne-rèile luath, seirbheisean-adhair a leudachadh agus ceanglaichean-rathaid eadar na bailtean mòra a leasachadh.