Cead do thuath-gaoithe croite
- Air fhoillseachadh
Thug Comhairle nan Eilean Siar cead do phlana 'son trì chrainn-ghaoithe air croit ann a Solas, an Uibhist a Tuath.
Bhòt ochdnar bhall airson na sgeama, agus ceathrar na aghaidh.
Fhuair a' Chomhairle còrr 's fichead gearain an aghaidh na sgeama, a' mhòr-chuid dhiubh bho dhaoine anns an sgìre fhèin.
Am measg nan gearainnean bha gun robh iad ro fhaisg air taighean, agus nach robh buannachd sam bith ann don choimhearsnachd nan cois.
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh