Briseadh-dùil do luchd-bathair
- Published
Cha deigheadh RET a thabhann do luchd-bathair nan eilean fo riaghaltas SNP ann an Alba neo-eisimeileach, a rèir Mhinistear na Còmhdhail, Keith Brown.
A' bruidhinn aig co-labhairt còmhdhail ann an Dùn Èideann Dimàirt, thuirt e gur ann a tha iad ag amas air loidhne rèile fìor luath, seirbheisean adhair a leudachadh, agus ceanglaichean rathaid eadar na bailtean mòra a neartachadh.
Nuair a chaidh fhaighneachd dha am biodh RET ga thabhann do luchd-bathair, thuirt e nach robh dùil sam bith aca sin a dhèanamh.
Chaidh RET a thoirt do luchd-bathair nan eilean ann an sgeama pìleat san Dàmhair 2008.
Anns a' Ghiblean 2012 thàinig an sgeama gu crìch, ach tha luchd-iomairt air a bhith a' strì on uair sin airson fhaighinn air ais.
Fulang
An-uiridh sheall rannsachadh a dh'iarr an Riaghaltais gun robh eaconamaidh nan Eilean Siar, Thiriodh agus Cholla air fulang ri linn mar a chaidh RET airson charbadan-bathair a thoirt air falbh.
Aig a' cho-labhairt, dhearbh Mgr Brown nach robh dùil aca RET a thoirt do luchd-bathair ann an Alba neo-eisimeileach, ach gun robh dùil aca sgrùdadh a dhèanamh air faraidhean coimearsalta anns an fharsaingeachd.
Thuirt e gun robh iad airson RET a chumail mar a bha e ann an Alba neo-eisimeileach agus gun robh e ag obair airson daoine a bha a' fuireach anns na h-eileanan.
A rèir Mhgr Brown, le smachd air buidseatan, thèid aca air seirbheisean aiseig anns an fharsaingeachd a neartachadh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Published
- 24 An t-Sultain 2013
- Published
- 21 An Dùbhlachd 2012