Am facal mu dheireadh?

An do dh'atharraich duine sam bith a beachd air posadh aona-ghnèitheach?

Is coltach gur beag an àireamh de dhaoine aig a bheil tuaiream eadar-dhealaichte an-diugh bho na shaoil iad nuair a thòisich an deasbad seo.

Tha a' phàrlamaid - agus a' mhòrshluagh - air còrr is dà bhliadhna a chur seachd a' beachdachadh air seo.

Ach là às dèidh mar a bhòt buill 105 gu 18 air a shon tha daoine cho daingean nam beachdan 's a bha iad a-riamh.

Air Aithris na Maidne, bruidhinn mise ri dithis a chur fàilte air an naidheachd agus iad airson an cothrom a ghabhail posadh cho luath 's a ghabhas.

Às dèidh sin, chuala am prògram bho fhear a thuirt gun robh a leithid "mì-mhoralta, mìnadara agus mì-choltach".

Deasbad

Tha fios gum bi beachd agaibh fhèin.

Leanaidh an deasbad taobh a-muigh na pàrlamaid air a' chuspair seo.

Ach taobh a-staigh, tha e seachad.

Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gu faodadh na ciad bhainnsean tachairt as t-fhoghar.

Tha feadhainn ann nach gabh ris a leithid gu bràth.

Ach air an seo, 's ann aig a' phàrlamaid a tha am facal mu dheireadh.