Taic ga cur ri buidseat an Riaghaltais

Buidseat Image copyright PA
Image caption Thàinig taic bho na Làbaraich an dèidh mar a chaidh aonta a ruighinn eadar iad fhèin agus riaghaltas an SNP air cìs nan seòmraichean-cadail.

Chuir Pàrlamaid na h-Alba taic ri buidseat an Riaghaltais airson na bliadhna tha romhainn, le mòr-chuid làidir.

Am measg an £30bn a dh'fhoillsichear, tha stòras a bheir lùghdachadh air buaidh cìs nan seòmraichean-cadail ann an Alba.

Thuirt Rùnaire an Ionmhais, Iain Swinney, gu bheil am poileasaidh "aingidh agus millteach".

Thuirt e gun toireadh na planaichean airson 2014-15 togail do dh'fhàs na h-eaconamaidh, agus cothrom air seilbh do bhun-structair, sgoiltean agus taigheadas aig prìsean reusanta.

Leis gu bheil mòr-chuid aig an SNP sa Phàrlamaid, b' urrainn dhaibh am buidseat aca fhaighinn troimhe às aonais taic nam pàrtaidhean eile.

Aig a' cheann thall, mar a bhathas an dùil, chaidh a' bhòt troimhe le taic bho na Làbaraich, na Lib-Deamaich agus na h-Uainich.

Thuirt na Tòraidhean ge-tà, nach eil gu leòr ann am planaichean an SNP airson an eaconamaidh a chuideachadh.

Gealltanasan

Am measg ghealltanasan an Riaghaltais dhan robh na Lib-Deamaich taiceil, tha:

  • £55m airson biadh sgoile an asgaidh anns a' chiad trì bliadhna den bhun-sgoil dhan a h-uile sgoilear
  • £59m airson cùram-cloinne a leudachadh gu pàistean aois dà bhliadhna

Thàinig taic bho na Làbaraich an dèidh mar a chaidh aonta a ruighinn eadar iad fhèin agus Riaghaltas an SNP air cìs nan seòmraichean-cadail - thèid £15m a chosg airson taic a thoirt do dhaoine a chaill airgead air sàilleabh an atharrachaidh chonnspaidich ann an siostam nan sochairean sòisealta.

Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gu bheil gach nì an crochadh air cead bho Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air sàilleabh gu bheil crìoch an-dràsta air na 's urrainn do dh'Alba a bhith a' cosg air seo.

Tha na Làbaraich ag ràdh gun tàinig an gluasad seo bho Riaghaltas na h-Alba air sgàth a' chuideim a chuir iadsan orra. Ach a dh'aindeoin sin, chuir iad fàilte air an airgead agus air a' ghluasad seo.

Thuirt labhraiche ionmhais nan Làbarach, Iain Gray: "Feumaidh sinn gabhail ris, a thaobh seo co-dhiù, nach eil an Riaghaltas air Alba fhàgail na tàmh, ach gu bheil iad air an rud ceart a dhèanamh."

Cead

Chan eil fhios aig an ìre seo an toir Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte cead seachad, agus chan eil Riaghaltas na h-Alba air a ràdh dè an dùil a th' acasan mun chùis.

Image copyright PA
Image caption Am measg ghealltanasan an Riaghaltais tha £59m airson cùram-cloinne a leudachadh gu pàistean aois dà bhliadhna.

Tha iad air sgrìobhadh gu Roinn na h-Obrach 's nam Peinnseanan ann an Westminster, gus iarraidh orra a' chrìoch a th' air na 's urrainn dhaibh cosg a thogail.

Feumaidh iad feitheamh air freagairt air ais bhuapasan, ach tha an SNP agus na Làbaraich den bheachd gum biodh e fiù 's na b' fheàrr cur às dha seo uile gu lèir.

Ach, tha eas-aonta eatorra mun dòigh as fheàrr air sin a dhèanamh, leis an SNP ag ràdh gur e an dòigh as fheàrr a bhith a' bhòtadh airson neo-eisimeileachd anns an referendum, agus na Làbaraich ag ràdh nan robh riaghaltas Làbarach ann an Lunnainn an ath-bhliadhna, gun gabhadh a dhèanamh air an dòigh sin.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile