Fiosrachadh mu chlàr-ama a dhìth

Published
image captionTòisichidh an MV Loch Seaforth air an t-slighe as t-Samhradh.

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gu bheil iad ag iarraidh barrachd fiosrachaidh mu mar a dh'obraicheas an clàr-ama dhan bhàt-aiseig ùr a bhios a' ruith eadar Steòrnabhagh agus Ulapul.

Tha dùil gum bi an MV Loch Seaforth deiseil airson na slighe as t-Samhradh.

Tha a' Chomhairle ag ràdh nach eil iad air fios sam bith fhaighinn mu co mheud turas a bhios an aiseag a' seòladh gach là.

Tha iad air iarraidh air BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan, coinneamh a chur air dòigh eadar iad fhèin agus riochdairean Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn.

Thuirt labhraiche bho Chal Mac nach deach co-dhùnadh a dhèanamh air clàr-ama an Loch Seaforth, 's gun deadh aontachadh leis a' chompanaidh agus Còmhdhail na h-Alba às dèidh co-chomhairleachaidh ionadail.

Thuirt iad gu bheil iad an còmhnaidh toilichte coinneachadh ris a' Chomhairle, 's gu bheil ùine gu leòr ann bruidhinn air a' chùis, 's gun dùil ris a' bhàta gu as t-Samhradh.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh