Mìneachadh ga iarraidh air RET
- Published
Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil iad ag iarraidh barrachd mhìneachaidh bho Mhinistear na Còmhdhail às dèidh dha a ràdh nach biodh RET ga thabhainn do luchd-bathair, fo riaghaltas SNP, ann an Alba neo-eisimeileach.
Bha Keith Brown a' bruidhinn aig co-labhairt ann an Dùn-Èideann an t-seachdain seo.
Thuirt e gum biodh an Riaghaltas a' toirt prìomhachais do loidhne-rèile fìor luath, leudachadh air seirbheisean adhair, agus ceangalaichean rathaid eadar na bailtean mòra a neartachadh.
Tha a-nis fear-gairm Comhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach, ag ràdh gum feum am ministear na tha e a' ciallachadh a dhèanamh soilleir.
Cron
"Tha sinne diombach dha-rìribh ma 's ann mar sin a tha cùisean gu bhith," thuirt e.
"Tha sinn airson soilleireachadh fhaighinn air an rud a thuirt Ministear na Còmhdhail, agus tuigse cheart a bhith againn air dè feadhair a tha e ag ràdh, 's dè tha e a' ciallachadh leis na tha e ag ràdh.
"Chan e sin idir na sheall an rannsachadh neo-eisimeileach a chaidh a dhèanamh, agus bha an Riaghaltas mar phàirt dheth sin.
"Bha an rannsachadh sin a' sealltainn gu math soilleir gun robh buaidh mhòr aig RET, buaidh mhath, nuair a chaidh a chur a-steach, agus gun robh cron ann nuair a chaidh lùghdachadh a dhèanamh air an uimhir de thaic a bha luchd-giùlain bathair a' faighinn," thuirt e.
Thuirt BPA Làbarach airson na Gàidhealtachd 's nan Eilean, Rhoda Ghrannd, nach eil ise a' tuigsinn co-dhùnadh an Riaghaltais nas motha.
Soilleir
Thuirt i gun robh e "a' sealltainn nach robh iad buileach airson a' phoileasaidh aca fhèin."
"Tha e a' sìor fhàs nas soilleire nach eil ann an RET dhan SNP ach brìbearachd shionaigeach do na coimhearsnachdan eileanach againn. Tha Ministear na Còmhdhail cha-mhòr a-nis air sin aideachadh.
"Bho chaidh RET a thoirt air falbh bho charbadan coimearsalta, thàinig àrdachadh faraidhean còrr math 's 175% air luchd-bathair.
"Tha Keith Brown fhathast a' diùltadh gabhail ri torraidhean aithisg a rinn e fhèin, 's a thog aire don chron a rinn call an RET, agus tha e fhathast a' lagachadh an t-seasaimh aige fhèin air RET, agus creideas eaconamach a Riaghaltais 's an iomairt airson neo-eisimeileachd," thuirt i.
Tha Rhoda Ghrannd cuideachd air gluasad a chur air adhart sa Phàrlamaid Albannaich a' càineadh Mhinisteir na Còmhdhail air sgàth a sheasaimh air RET, a thèid a dheasbad le buill.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Published
- 5 An Gearran 2014