Ceist mu shàbhailteachd aig Sgoil Lacasdail
- Air fhoillseachadh

Chaidh a ràdh gum feum clann cho òg ri còig bliadhna coiseachd fad trì chairteal na h-uarach air rathaidean air nach eil cabhsair.
Tha Comhairle nan Eilean Siar deònach tuilleadh conaltraidh a bhith aca air a' cheist mu shàbhailteachd a chaidh a thogail aig Bun-sgoil Lacasdail ann an Leòdhas.
Tha an Comhairliche Ruairidh Moireach ag ràdh gu bheil a' Chomhairle a' dèanamh dìmeas air sgoilearan na sgìre on chaidh seirbheis nam busaichean a ghearradh.
Thuirt e gu bheil e a' tuigsinn gum feum a' Chomhairle sàbhlaidhean a dhèanamh, ach nach eil suidheachadh a' bhun-sgoil idir ceart.
Chaidh a ràdh gum feum clann cho òg ri còig bliadhna coiseachd fad trì chairteal na h-uarach air rathaidean air nach eil cabhsair.
Thuirt Cathraiche an Fhoghlaim 's nan Seirbheisean Cloinne, Catrìona Stiùbhart, gum bi coinneamh ann an ath-sheachdain.
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh