"Thèid an RA a lagachadh gu mòr"
- Air fhoillseachadh

Dh'iarr Prìomhaire na Rìoghachd Aonaichte air daoine gun taic a chur ri neo-eisimeileachd na h-Alba.
Tha Dàibhidh Camshron ag iarraidh air daoine ann am pàirtean eile de Bhreatainn guidhe air Albannaich gun a bhith a' bhòtadh airson neo-eisimeileachd.
Thuirt e gun tèid an Rìoghachd Aonaichte a lagachadh gu mòr ma dh'fhàgas Alba.
Bidh cead aig ceithir millean neach bhòtadh san referendum san t-Sultain.
Ged a thuirt am Prìomhaire gur iad Albannaich a-mhàin a nì co-dhùnadh air neo-eisimeileachd, tha e den bheachd gum bu chòir guth a bhith air a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte anns an deasbad.
Co-dhùnadh
"'S e co-dhùnadh a tha seo airson muinntir na h-Alba a-mhàin. Tha mi gu dealasach den bheachd gu bheil e a chùm maith na h-Alba fuireach san RA," thuirt Mgr Camshron.
"Mar sin, tha rùm aig Alba co-dhùnaidhean a dhèanamh, fhad 's a ghlèidheas i an tèarainnteachd a tha an cois a bhith na pàirt de rud nas motha.
"Bheir seo buaidh air gach duine den 63,000,000 neach a tha a' fuireach ann am Breatainn.
"'S e sin as coireach gu bheil an t-òraid seo ag amas, chan ann air muinntir na h-Alba, ach air muinntir Shasainn, na Cuimrigh, agus Èireann a Tuath. Bhiomaid air ar lagachadh gu mòr às aonais na h-Alba.
"Bheir seo buaidh oirnn uile, agus 's e sin as coireach gu bheil guth aig gach duine againn san deasbad seo," thuirt e.
'Team GB'
Bha Mgr Camshron a' bruidhinn aig a' Phàirc Oilimpigich ann an Lunnainn, agus e ag amas air spiorad nan geamaichean ann an 2012 a thoirt am bàrr, gus ìmpidh a chur air dùthchannan 'Team GB' fuireach còmhla.
Thug e cuideachd rabhadh nach eil ach seachd mìosan air fhàgail airson an "dùthaich as sònraichte a bh' ann riamh" a shàbhaladh.
Thuirt Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, nach eil anns na thuirt am Phrìomhaire ach searmon àrdanach bho dhuine a tha ro ghealtach a thighinn a dh'Alba airson na h-argamaidean aige a chur air adhart.
Thug i cuideachd slaic air airson feuchainn ris na Geamaichean Oilimpigeach a chleachdadh airson adhbharan poilitigeach.