Turasachd sna h-Eileanan an-àirde

Barraigh
Image caption Chosg luchd-turais còrr is £50m anns an sgìre sa bhliadhna chun an t-Sultain an-uiridh.

Dh'èirich an àireamh de luchd-turais a tha a' dol dha na h-Eileanan Siar.

Anns a' bhliadhna chun an t-Sultain an-uiridh, sheall sgrùdadh aig VisitScotland gun do chuir 218,000 duine ùine seachad anns na h-eileanan - agus gun do chosg iad còrr air £50m anns an sgìre.

Chaidh Sgrùdadh Luchd-tadhail nan Eilean a dhèanamh eadar an Damhair ann an 2012 agus Sultain na bliadhna an-uiridh.

Chaidh feadhainn a thadhail air na h-Eileanan Siar air chuairt là neo na b' fhaide a cheasnachadh mu ghrunn rudan, leithid dè na rudan a tharraing ann iad, ciamar a chuir iad air dòigh an turas aca, dè na h-àiteachan air an do thadhail iad, agus càite an do dh'fhuirich iad.

Thuirt 87% den fheadhainn a ghabh pàirt ann gun robh iad "gu math riaraichte" leis an turas aca.

Thàinig àrdachadh cuideachd air an àireimh luchd-turais a thadhail air Arcaibh agus Sealtainn.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile