Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

10 An Gearran 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Companaidhean Cumhachd

Tha Rùnaire Cumhachd na Rìoghachd Aonaichte, Ed Davy, air sgrìobhadh gu riaghladair a' ghnìomhachais, Ofgem, 's e a' togail cheistean mun phrothaid a tha feadhainn de na companaidhean a' dèanamh air a' ghas. Thuirt Mgr Davy gun robh prothaid de chòrr is 11% aig British Gas agus SSE an-uiridh, agus thuirt e gum bu chòir dhan riaghladair beachdachadh air na sia companaidhean mòra a bhriseadh às a chèile ma thèid dearbhadh gu bheil cus smachd aca air a' mhargaidh.

Tuiltean

Tha baile beag Datchet ann am Berkshire gu lèir fo uisge, agus tha mìltean dhachannan eile aig ceann ìosal Abhainn Thames ann an cunnart agus an t-uisge a' sìor-èirigh. Tha rabhadh oifigeil ann an iomadh àite ann am Berkshire, Oxfordshire agus Surrey. Aig an aon àm thuirt ceannard Bhuidheann na h-Àrainneachd, am Morair Mac a' Ghobhainn, nach eil brìgh sam bith ann an gearainnean bho Mhinistear nan Coimhearsnachdan, Eric Pickles, a thuirt nach do rinn a' bhuidheann gu leòr airson stad a chur air na tuiltean. Thuirt am Morair Mac a' Ghobhainn gu bheil fad a bharrachd eòlais aig luchd-obrach na buidhne aigesan air an obair a tha romhpa, na th' aig duine de luchd-poileataigs.

Siria

Thòisich an dàrna cuairt de chòmhraidhean sìthe Shiria ann an Geneva an-diugh eadar an Riaghaltas Sirianach agus na buidhnean reubaltach. Thàinig na ciad chòmhraidhean gu ceann bho chionn còrr is seachdain gun choltas air mòran adhartais.

Na Hearadh

Tha dragh air muinntir na Hearadh mu sheirbheisean slàinte an eilein leis gu bheil aon de na dotairean aig ionad meidigeach an Tairbeirt an dùil fàgail a dh'aithghearr. Tha dragh ann gun tèid an t-seirbheis a lùghdachadh. Dh'innis am Bòrd Slàinte do mhuinntir na sgìre gun dèan iad sgrùdadh eadar seo agus an t-Samhain, nuair a dh'fhàgas an dotair, air an dòigh as fheàrr air an t-seirbheis a lìbhrigeadh.

Drochaid Cheasaig

Thòisich an dàrna earrainn den obair air Drochaid Cheasaig an Inbhir Nis an-diugh, rud a chuireas maill mhòr air trafaig. Bidh pàirt den drochaid dùinte airson suas ri còig mìosan.

Tràigh Ghriais

Chaidh Tràigh Ghriais ann an Leòdhas fhosgladh dhan mhòr-shluagh a-rithist anns a' mhadainn. Chaidh an tràigh a dhùnadh air an deireadh-sheachdain an dèidh do dh'uidheam nach robh air spreadh tighinn air tìr an sin. Rinn sgioba spreadhaidh à Faslann spreadh sàbhailte air na uidheam na bu tràithe an-diugh, agus chaidh an tràigh fhosgladh a-rithist.