Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

11 An Gearran 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Sìde

Tha rabhadh aig Oifis na Sìde gum faodadh òirleach eile de dh'uisge tuiteam an-diugh air sgìrean ann an ceann a deas Shasainn a tha fo thuiltean mar-thà. Tha mìltean dhaoine air na dachannan fhàgail agus an Thames air cur thairis agus a' fàgail uisge a' ruith tro bhailtean ann an Surrey agus Berkshire. Tha daoine sna sgìrean sin a' gearain nach eil iad a' faighinn taic gu leòr.

Barclays

Tha Banca Barclays a' gearradh 7000 cosnadh ann am Breatainn. Chaidh innse don dàrna cuid dhiubh sin mar-thà gum bi iad a' call an cosnadh. Dh'innis Barclays cuideachd gu bheil iad a' cur 10% ris an stòras a tha aca airson bonus do luchd-obrach, ged a bha lùghdachadh an treas cuid an-uiridh ann am prothaidean obrach na buidhne.

Lochhead

Canaidh Rùnaire Àrainneachd na h-Alba, Richard Lochhead, ann an òraid do dh'Aonadh nan Tuathanach an-diugh, gun leigeadh neo-eisimeileachd le Riaghaltas na h-Alba aonta nas fheàrr do thuathanaich fhaighinn bhon Aonadh Eòrpach. Thuirt Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte mar-thà gun cailleadh Alba mar dhùthaich neo-eisimeileach air na tha i a' faighinn bhon EU an-dràsta.

Stèisean Hydro a' Chruachain

Dh'fhaodadh dùblachadh tighinn air obair Stèisean Hydro a' Chruachain ann an Earra-Ghàidheal le plana a th' aig Scottish Power. Chosgadh an leasachadh na ceudan mhilleanan not agus bheireadh an obair fad bhliadhnaichean. Nì Scottish Power rannsachadh mus dèan iad co-dhùnadh air an tèid iad air adhart leis a' phròiseict.

Inbhir Ùige

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gur dòcha gum feum gearradh air ais air seirbheisean màthaireachd ann an Inbhir Ùige agus iad gann de luchd-obrach an sin. Tha trioblaid air a bhith aca bho chionn bhliadhnaichean a' fastadh luchd-obrach le eòlas, agus tha an suidheachadh nas miosa an dèidh bàs locum a chaidh fhastadh a dh'Inbhir Ùige.

Bhatarsaigh

Tha dragh air feadhainn de dh'iasgairean Bhatarsaigh mun leasachadh air cidhe Bàgh Bhatarsaigh. Tha dàil anns an obair agus tha ceistean an mu dè cho freagarrach 's a bhios an cidhe an dèidh na h-obrach. Thuirt manaidsear a' phròiseict, Tony Robson, gum bi e a' coimhead air an obair aig deireadh na mìos seo agus a' coinneachadh ri muinntir an àite.

Shirley Temple

Chaochail an cleasaiche fiolm ainmeil Shirley Temple aig a dachaigh ann an California. Bha i 85. Thàinig i gu àrd ìre ann an Hollywood anns na 1930an, nuair nach robh i ach mu sheachd bliadhna de dh'aois.