Dùil gun seas Riaghaltas na RA an aghaidh aonadh-airgid

Airgead Image copyright Getty Images
Image caption Thuirt Am Prìomhaire, Daibhidh Camshron, gum biodh e "uabhasach duilich" aonadh-airgid a dhìon às dèidh neo-eisimeileachd.

Tha dùil gun can an Seansalair, Seòras Osborne, gun seasadh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte an aghaidh aonadh-airgid foirmeil le Alba neo-eismeileach.

Ann an òraid Diardaoin, bheir Mgr Osborne soilleireachadh air seasamh an Riaghaltais air a' chùis.

Bidh cothrom aig Buill-Phàrlamaid am beachdan fhèin a thoirt seachad ann an Taigh nan Cumantan Diciadain, le fear-labhairt air cùisean gnothachais dha na Làbaraich, Iain Moireach, os cionn an deasbaid.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gur ann ri "burraidheachd" a tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte.

Bheir an Seansalair òraid seachad Diardaoin ann an Dùn Èideann agus tha dùil gun can e nach fhaodadh Alba neo-eisimeileach an not a chleachdadh ann an aonadh-airgid.

Soilleireachadh

Thuige seo, tha Mgr Osborne air a ràdh gu bheil e ao-coltach gum biodh aonadh-airgid ann eadar Alba agus an còrr den Rìoghachd Aonaichte.

Ach thàinig fios Dimàirt bhon Phrìomhaire gun robh teachdaireachd na bu chruaidhe a' dol a thighinn bhuapa, agus gun tigeadh soilleireachadh air seasamh na co-bhanntachd air a' chùis an t-seachdain seo.

A' bruidhinn ris na meadhanan, thuirt Mgr Camshron gum biodh e "uabhasach duilich" aonadh-airgid a dhìon às dèidh neo-eisimeileachd.

Tha dùil gun can Mgr Osborne gun deach moladh nan Nàiseantaich "a reubadh às a chèile" leis an òraid a rinn Riaghladair Bhanca Shasainn, Mark Carney, air a' mhìos a chaidh seachad.

A thuilleadh air an t-Seansalair, tha dùil gun tèid Danny Alexander agus Ed Balls an sàs anns an deasbad, agus a h-uile duine aca a' toirt rabhaidh nach fhaodadh Alba neo-eisimeileach an not a chleachdadh ann an aonadh-airgid.

Tha ceistean mun eaconamaidh cudromach do dhaoine nuair a tha iad a' cnuasachadh ceist neo-eisimeileachd na h-Alba, agus tha pàrtaidhean an Aonaidh an dòchas gun toir seo buaidh air mar a bhòtas daoine.

Image caption Thuige seo, tha an Seansalair, Seòras Osborne, air a ràdh gu bheil e ao-coltach gum biodh aonadh-airgid ann.

Burraidheachd

Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gur e oidhirp a tha seo "burraidheachd" a dhèanamh air an dùthaich.

Thuirt labhraiche do Rùnaire Ionmhais na h-Alba, Iain Swinney, gu bheil pàrtaidhean an Aonaidh a' call na h-argamaid an aghaidh neo-eisimeileachd agus gur e gòraiche a bhiodh ann dhan Phrìomhaire seasamh na aghaidh.

Thathas cuideachd a' cumail a-mach nach creid daoine na rabhaidhean seo, agus làn-fhios aig daoine gu bheil Westminster a' dol a ràdh aon rud ron referendum, ach gun canadh iad rud eile às dèidh buil na bhòta.